Main content
Sorry, this episode is not currently available

06/06/2005

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 4

A bheil sibh eòlach air sgìre Gheàrrloch? Ann an sgìre sin tha dà bhaile le ainmean annasach. Tha “Mellon” anns na h-ainmean aca. Is iad sin Mellon Charles agus Mellon Udrigle. Dà bhaile air a’ chladach. Ach, carson a tha Mellon anns na h-ainmean aca? A bheil measan tropaigeach a’ fas ann? Air cladach na Gàidhealtachd? Chan eil, gu dearbh. Tha i ro fhuar ann an Alba airson measan tropaigeach!

A bheil sibh eòlach air an fhacal meall? Tha e a’ ciallachadh “hill”. Ach dè tha meallan a’ ciallachadh? Uill, tha fios agaibh gu bheil lochan a’ ciallachadh “loch beag”. Tha leabhran a’ ciallachadh “leabhar beag”. Agus tha meallan a’ ciallachadh “meall beag” – little hill. Thàinig an t-ainm Mellon Charles bhon Ghàidhlig Meallan Theàrlaich. Tha sin a’ ciallachadh “am Meall Beag aig Teàrlach” – Charles’s Little Hill. Meallan Theàrlaich.

Cò bh’ ann an Teàrlach? Bha e na leth-bhràthair do dh’uachdaran Gheàrrloch. Bha seo o chionn ùine mhòr. Fhuair Teàrlach fearann faisg air a’ chladach. Agus thug e an t-ainm aige don àite – Meallan Theàrlaich.

Ach dè mu dheidhinn Mellon Udrigle? ’S e sin Meallan Udraigil ann an Gàidhlig. Tha Udraigil a’ tighinn bhon Lochlannais. Tha e a’ ciallachadh “clais”. Agus tha Meallan a’ ciallachadh “meall beag”, nach eil? The Little Hill of Udrigle no The Little Hill of the Cleft.

Uill, ’s dòcha. Ach ’s dòcha nach eil e cho sìmplidh sin. Air a’ mhap, tha cnoc ann air a bheil “Meallan Udrigill”. Agus tha baile ann cuideachd air a bheil “Mellon Udrigle”. Ach chan eil an cnoc agus am baile anns an aon àite. Tha iad dà mhìle air falbh o chèile.

Tha mi eòlach air fear às an sgìre sin. Thuirt e seo rium: “Dh’innis bodach dhomh nach e Meallan a bh’ ann an ainm a’ bhaile, ach Mealbhan. Tha mealbhan a’ ciallachadh ‘sand dunes’.”

Chaidh mi gu faclair Dwelly. Agus tha am facal mealbhan anns an fhaclair. Tha e a’ ciallachadh “stretch of sand dunes with sea-bent growing on them.” Tha e a’ ciallachadh sin ann an Ros an Iar, co-dhiù. Agus sin mar a tha ann am Meallan Udraigil. Tha am baile air a’ chladach. Tha dùin-ghainmhich ann. Agus tha muran a’ fàs air na dùin-ghainmhich. Mar sin, ’s dòcha gur e Mealbhan Udraigil an t-ainm ceart air a’ bhaile ann an Gàidhlig.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: a bheil sibh eòlach air sgìre Gheàrrloch?: do you know the Gairloch area?; tha dà bhaile le ainmean annasach: there are two villages with unusual names; a bheil measan tropaigeach a’ fas ann?: do tropical fruits grow there?; chan eil, gu dearbh: certainly not; tha i ro fhuar ann an Alba: it is too cold in Scotland; tha fios agaibh gu bheil lochan a’ ciallachadh “loch beag”: you know that lochan means “a small loch”; cò bh’ ann an Teàrlach?: who was Charles?; bha e na leth-bhràthair do dh’uachdaran Gheàrrloch: he was a half-brother of the Laird of Gairloch; bha seo o chionn ùine mhòr: this was a long time ago; fhuair Teàrlach fearann faisg air a’ chladach: Charles obtained land close to the coast; dè mu dheidhinn?: what about?; tha X a’ tighinn bhon Lochlannais: X comes from the Norse [language]; ’s dòcha nach eil e cho sìmplidh sin: perhaps it is not that simple; chan eil an cnoc agus am baile anns an aon àite: the hill and the village are not in the same [one] place; tha iad dà mhìle air falbh o chèile: they are two miles away from each other; tha mi eòlach air fear às an sgìre sin: I know a man from that area; thuirt esan seo rium: he said this to me; dh’innis bodach dhomh: an old man told me; nach e Meallan a bh’ ann an ainm a’ bhaile, ach Mealbhan: that the name of the village was not Meallan, but Mealbhan; chaidh mi gu faclair Dwelly: I went to Dwelly’s dictionary; ann an Ros an Iar, co-dhiù: in Wester Ross, at least; tha muran a’ fàs air na dùin-ghainmhich: marram grass (bent) grows on the sand dunes; mar sin, ’s dòcha gur e Mealbhan Udraigil an t-ainm ceart air a’ bhaile ann an Gàidhlig: thus, perhaps Mealbhan Udraigil is the correct name for the village in Gaelic.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast