Main content
Sorry, this episode is not currently available

29/08/2005

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 16

Seo seanfhacal a tha fìor annasach: Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt. Seo a’ Bheurla air a shon. Whatever you see or hear, keep the cat turning. Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.

Dè tha e a’ ciallachadh? Cuin a tha duine a’ tionndadh cat? Uill, tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh, agus chan eil e snog. Anns na seann làithean bha cleachdadh pàganach ann. Bha daoine airson an Donas fhaicinn. Bha an Donas a’ leigeil leotha rudan mì-laghail a dhèanamh. No bha e a’ freagairt ceist.

Canaidh sinn taghairm ris a’ chleachdadh. Tha e ann am faclair Dwelly, air a mhìneachadh ann am Beurla. Bha na daoine a’ ròstadh chat. Bha iad a’ ròstadh nan cat air bior-ròstaidh. Bha am bior os cionn teine. Bha fear a’ tionndadh a’ bhiora. Ach seo an rud a bha fìor dhona – cha robh na cait marbh nuair a chaidh iad air a’ bhior-ròstaidh. Bha iad beò.

Bha cait dhubha a’ tighinn ann. Bha iad uile a’ sgreuchail. Bha iad a’ dèanamh fuaim uabhasach. Bha an Donas ann cuideachd, ann an cruth cat dubh. Bha na cait dhubha a’ feuchainn ri stad a chur air na daoine. Bha fear de na daoine ag èigheachd air an fhear a bha a’ tionndadh a’ bhior-ròstaidh, “Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.”

Rinn Màrtainn Mac Ille Mhàrtainn aithris air a’ ghnothach seo. Bha sin anns an leabhar aige A Description of the Western Islands of Scotland. Nochd an leabhar sin ann an seachd ceud deug ’s a trì (1703). Sgrìobh Mac Ille Mhàrtainn gu robh fear de na cait gu math mòr. Bha na cait eile beag. Bha am fear mòr a’ freagairt na ceist a bh’ aig na daoine. B’ esan an Donas.

Cuin’ a tha daoine a’ cleachdadh an t-seanfhacail? Tha nuair a tha iad ag ràdh ri duine eile, “Cum a’ dol leis an obair agad. Ge bith de thachras, dèan thusa an obair agad!” Dè sam bith a chì no chluinneas tu, cum an cat mun cuairt.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: seo seanfhacal a tha fìor annasach: here is a really unusual proverb; seo a’ Bheurla air a shon: here is the English for it; a’ tionndadh: turning; chan eil e snog: it’s not nice; cleachdadh pàganach: a pagan custom; bha an Donas a’ leigeil leotha rudan mì-laghail a dhèanamh: the Devil was letting them do unlawful things; air a mhìneachadh: explained; bha iad a’ ròstadh nan cat air bior-ròstaidh: they were roasting the cats on a roasting-spit; seo an rud a bha fìor dhona: here is the thing that was terrible; bha iad beò: they were alive; cait dhubha: black cats; bha iad uile a’ sgreuchail: they were all screeching; ann an cruth cat dubh: in the form of a black cat; a’ feuchainn ri stad a chur air na daoine: trying to stop the people; ag èigheachd air an fhear a bha a’ tionndadh a’ bhior-rostaidh: shouting to the man who was turning the roasting-spit; Màrtainn Mac Ille Mhàrtainn: Martin Martin; bha am fear mòr a’ freagairt na ceist: the large one was answering the question; b’ esan an Donas: it was the Devil; cuin’ a tha daoine a’ cleachdadh an t-seanfhacail?: when do people use the proverb?; cum a’ dol leis an obair agad: keep going with your work; ge bith de thachras, dèan thusa an obair agad: whatever happens, do your work.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast