
05/09/2005
Letter for those at an early stage in learning Gaelic.
Clip
![]()
An Litir Bheag 17
Duration: 05:09
An Litir Bheag 17
Chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois ann an California o chionn ceud bliadhna. ’S e an t-ainm a bh’ oirre The Celtic Club of Los Angeles.
’S e dithis a stèidhich an cluba – fear à Alba agus fear à Èirinn. Thuirt iad gur e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal a bh’ ann. Bha iad a’ cur fàilte air daoine bho Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus A’ Bhreatainn Bheag.
Chan eil fhios agam a bheil sin fìor, no a bheil an cluba fhathast a’ dol. Ach chuala mi naidheachd èibhinn mu fhear Èireannach ann an California. Cha robh e ann an Los Angeles, ge-tà. Bha e ann an San Francisco. Bha am fear seo aig ceann buidheann de luchd-turais. Bha iad a’ siubhal ann am bus.
Là a bha seo, chuir fear dhen luchd-turais ceist air an Èireannach: “A bheil Gaeilge agaibh?”
Fhreagair an t-Èireannach, “Tha gu leòr.” Ach chan e an fhìrinn a bha aige. ’S e breug a bha ann. Dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann san sgoil, ach cha robh mòran aige. Dìreach ùrnaigh no dhà.
Ràinig iad San Francisco. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Fhuair fear dhen luchd-turais a-mach gu robh fear dhen luchd-obrach à Èirinn. “A bheil Gaeilge agaibh?” dh’fhaighnich e dhen Èireannach.
“Tha gu leòr,” fhreagair an t-Èireannach. Agus ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan. Bha e fileanta.
“Thig don bhòrd againn,” thuirt am fear-turais. “Tha mi ag iarraidh còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a chluinntinn.”
Chaidh am fear Èireannach a-null. Bha am fear Èireannach eile aig a’ bhòrd. Am fear breugach. “Siuthadaibh!” thuirt am fear-turais. “Bruidhnibh ri chèile ann an Gaeilge.”
Mus tuirt fear an taigh-sheinnse dad, thuirt fear a’ bhus, “Ar n-Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d' ainm.” Choimhead am fear fileanta air mar gur e amadan a bh’ ann. Ach an uair sin, thuig e dè bha a’ dol. Bha plòigh aig an duine eile. “Gun tigeadh do rìoghachd,” fhreagair e. “Gun dèanar do thoil air thalamh, mar a nithear air nèamh.”
“Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil,” thuirt a’ chiad fhear.
“Agus math dhuinn ar fiachan,” fhreagair am fear eile. Lean an còmhradh mar sin. Bha an luchd-turais toilichte. Chuala iad còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann. Cha robh fios aca gur e dìreach Ùrnaigh an Tighearna a chuala iad!
Faclan is abairtean
Faclan is abairtean: Chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois: a Celtic group was established; ’s e dithis a stèidhich an cluba: it is two people that set up the club; gur e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal a bh’ ann: that it was the first pan-Celtic group in the world; A’ Chuimrigh: Wales; A’ Chòrn: Cornwall; Eilean Mhanainn: The Isle of Man; A’ Bhreatainn Bheag: Brittany; no a bheil an cluba fhathast a’ dol: or if the club is still going; chuala mi naidheachd èibhinn: I heard a funny story; aig ceann buidheann de luchd-turais: in charge of a group of tourists; bha iad a’ siubhal ann am bus: they were travelling in a bus; chan e an fhìrinn a bha aige: he was not speaking the truth; ’s e breug a bh’ ann: it was a lie; dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann san sgoil: he learned Irish Gaelic in school; dìreach ùrnaigh no dhà: just a prayer or two; taigh-seinnse: pub; ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan: he was telling the truth; tha mi ag iarraidh còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a chluinntinn: I want to hear a conversation in Irish Gaelic; Siuthadaibh!: Go on!; bruidhnibh ri chèile: speak to each other; ar n-Athair a tha air nèamh: our Father who art in Heaven; gun naomhaichear d' ainm: hallowed be Thy name; amadan: idiot; bha plòigh aig an duine eile: the other man was up to something; gun tigeadh do rìoghachd: Thy kingdom come; gun dèanar do thoil: Thy will be done; mar a nithear air nèamh: as it is [done] in Heaven; thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil: give us this day our daily bread; agus math dhuinn ar fiachan: and forgive us our debts; lean an còmhradh mar sin: the conversation followed like that; bha an luchd-turais toilichte: the tourists were pleased; cha robh fios aca gur e dìreach Ùrnaigh an Tighearna a chuala iad: they didn’t know they had only heard The Lord’s Prayer.
Podcast
![]()
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.




