Main content
Sorry, this episode is not currently available

13/03/2006

Letter for those at an early stage in learning Gaelic.

Clip

An Litir Bheag 44

Nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh. ’S e deagh bhliadhna a bh’ ann airson leabhraichean Gàidhlig. Am measg nan leabhraichean bha fear a tha làn rannan cloinne. Tha e math do chloinn agus do phàrantan. Agus do luchd-ionnsachaidh!

’S e an tiotal a th’ air “Air do bhonnagan a ghaoil”. Chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul. Tha Tormod à Nis ann an Leòdhas. Tha dà cheud gu leth duilleag ann. Agus tha dealbhan brèagha ann.

Tha cuid de rannan coltach ri rannan Beurla. Mar eisimpleir an rann Beurla:

Seagull, seagull, sit on the sand,

It’s never good weather when you’re on land

Agus seo ann an Gàidhlig:

Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,

Na faiceam thu air talamh cruaidh:

Air talamh cruaidh ma nì thu fois,

Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.

Canaidh mi sin a-rithist:

Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,

Na faiceam thu air talamh cruaidh:

Air talamh cruaidh ma nì thu fois,

Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.

A bheil sibh eòlach air “Four and Twenty Blackbirds” ann am Beurla? Uill, seo an dearbh rud ann an Gàidhlig. Chan e blackbirds a th’ ann an Gàidhlig, ach starlings – druidean:

Seinn port na sia sg’inn,

Mo phòcaid làn sìol-cur;

Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir

Bha còrr is fichead druid;

Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas

’S a sheinn na h-eòin le spìd,

Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,

Ga chur air beulaibh rìgh.

Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais

A’ cunntadh suas nan sgillinn;

Bha bhanrigh anns a’ chùlaist

Ag ithe mìr is mil air;

Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh

Cur aodach air an ròp –

Nuas druid dhubh le sgreuch

Is spìon i dhith an t-sròn.

Seo an rann a-rithist, rud beag nas luaithe. Bhuamsa, an t-seachdain seo, beannachd leibh:

Seinn port na sia sg’inn,

Mo phòcaid làn sìol-cur;

Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir

Bha còrr is fichead druid;

Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas

’S a sheinn na h-eòin le spìd,

Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,

Ga chur air beulaibh rìgh.

Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais

A’ cunntadh suas nan sgillinn;

Bha bhanrigh anns a’ chùlaist

Ag ithe mìr is mil air;

Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh

Cur aodach air an ròp –

Nuas druid dhubh le sgreuch

Is spìon i dhith an t-sròn.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh: many good Gaelic books appeared last year; ’s e deagh bhliadhna a bh’ ann: it was a good year; rannan cloinne: nursery rhymes; chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul: it was compiled by Norman Campbell; fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan: seagull, seagull, beside the ocean (strictly speaking, it should be taobh a’ chuain); na faiceam thu air talamh cruaidh: don’t let me see you on hard land; ma nì thu fois: if you rest; bidh gaoth is dìle tighinn na chois: wind and rain will come with it; an dearbh rud: the same thing; seinn port na sia sg’inn: sing the tune of six pennies (sgillinnean); mo phòcaid làn sìol-cur: my pocket full of planting-seed; ann am broinn a’ bhonnaich mhòir: inside the big cake; bha còrr is fichead druid: there were more than twenty starlings; nuair dh’fhosgladh am bonnach suas: when the cake was opened up; ’s a sheinn na h-eòin le spìd: and the birds sang with haste; nach b’ e siud an truinnsear brèagha: wasn’t that the lovely plate: ga chur air beulaibh rìgh: to put [being put] in front of a king; bha an rìgh [ann] an taigh an ionmhais: the king was in the counting house [treasury]: a’ cunntadh suas nan sgillinn: counting up the pennies; bha [a’] bhanrigh anns a’ chùlaist: the queen was in the parlour; ag ithe mìr is mil air: eating bread with honey on it; bha an t-searbhant anns a’ ghàrradh: the servant was in the garden; [a’] cur aodach air an ròp: putting clothes on the washing line; nuas druid dhubh le sgreuch: down [came] a black starling with a screech; is spìon i dhith an t-sròn; and plucked off her [the] nose; bhuamsa: from me (emphatic).

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast