Main content
Sorry, this episode is not currently available

09/10/2006

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 74

Thug Naois gràdh do Dheirdre. Bha fios aige gun robh Rìgh Uladh, Conachar, feargach. Chaidh Naois agus Deirdre a dh’Alba. Chaidh bràithrean Naois – Aillean is Àrdan – còmhla riutha. Thog iad tùr ri taobh loch. Bha iad a’ fuireach anns an tùr. Bha iad a’ sealg is ag iasgach a-mach air an uinneig.

Bha Conachar ag iarraidh Deirdre air ais. Bha e ag iarraidh a pòsadh. Chuir e fios a-mach gun robh cuirm gu bhith aige ann an Èirinn. Chuir e bràthair athar, Fearchar Mac Ro, a dh’Alba.

“Can ri Naois,” thuirt Conachar ri Fearchar, “gu bheil mi ag iarraidh gum bi e fhèin, Aillean is Àrdan, aig a’ chuirm.”

Ràinig Fearchar tùr Naois ann an Alba. Chuir Naois fàilte air.

“Bidh Conachar, Rìgh Uladh, a’ cumail cuirm mhòr,” thuirt Fearchar. “Tha e an dòchas gum bi sibh ann.”

“Thèid sinn ann,” arsa Naois.

“Thèid,” dh’aontaich a bhràithrean.

“Thèid,” thuirt Fearchar Mac Ro.

“Cha tèid,” thuirt Deirdre. Cha robh Deirdre a’ cur earbsa ann am Fearchar. Cha robh i ag iarraidh dhol a dh’Èirinn. Ghabh i òran binn brònach.

“Cha do ghèill mi riamh do bhoireannach,” thuirt Fearchar. Dh’aontaich Naois a-rithist dhol a dh’Èirinn. Ach cha robh Deirdre toilichte. Ghabh i òran binn brònach.

A dh’aindeoin sin, dh’aontaich Naois falbh a dh’Èirinn. Bha Deirdre mì-thoilichte ach dh’fhalbh i còmhla ris. Bha i a’ caoineadh.

Ràinig na bràithrean Èirinn. Thug Conachar cuireadh dhaibh dhol a dh’fhuireach ann am fear de na taighean aige. Dh’iarr e air a’ mhuime dhol don taigh airson Deirdre fhaicinn.

“Faigh a-mach a bheil i mar a bha i,” thuirt Conachar rithe.

Chaidh a’ mhuime don taigh. Ach bha e glaiste. Chan fhaca i Deirdre. Choimhead i tro tholl na h-iuchrach. Chunnaic i Deirdre. Thill i don lùchairt.

“Ciamar a tha i?” dh’fhaighnich Conachar. “A bheil i cho bòidheach ’s a bha i?”

“Chan eil,” fhreagair a’ mhuime.

“Tha mi ag iarraidh dearbhadh air sin mus leig mi seachad i,” thuirt an Rìgh. Dh’iarr e air mac Rìgh Lochlainn dhol a choimhead air Deirdre.

“Faigh a-mach a bheil i cho bòidheach ’s a bha i,” thuirt e.

Chaidh mac Rìgh Lochlainn don taigh. Sheall e a-staigh air toll na h-iuchrach. Ach chunnaic Naois a shùil anns an toll. Agus chì sinn dè rinn e an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: thug Naois gràdh do Dheirdre: Naois fell in love with Deirdre; Rìgh Uladh: The King of Ulster; còmhla riutha: along with them; thog iad tùr ri taobh loch: they built a tower beside a loch; a’ sealg is ag iasgach a-mach air an uinneig: hunting and fishing out of the window; bha e ag iarraidh a pòsadh: he was wanting to marry her; gun robh cuirm gu bhith aige: that he was going to have a feast; bràthair athar: his father’s brother; can ri Naois: tell Naois; ràinig Fearchar tùr Naois: Fearchar reached Naois’s tower; chuir Naois fàilte air: Naois welcomed him; tha e an dòchas gum bi sibh ann: he hopes you will be there; thèid sinn ann: we’ll go there; cha robh Deirdre a’ cur earbsa ann am Fearchar: Deirdre did not trust Fearchar; ghabh i òran binn brònach: she sang a sad melodious song; cha do ghèill mi riamh do bhoireannach: I never yielded to a woman; dh’aontaich Naois a-rithist dhol a dh’Èirinn: Naois again agreed to go to Ireland; a dh’aindeoin sin: despite that; a’ caoineadh: crying, weeping; thug Conachar cuireadh dhaibh: Conachar gave them an invitation; dhol a dh’fhuireach ann am fear de na taighean aige: to go and stay in one of his houses; dh’iarr e air a’ mhuime: he asked the foster-mother; faigh a-mach a bheil i mar a bha i: find out if she is as she was; glaiste: locked; choimhead i tro tholl na h-iuchrach: she looked through the keyhole; thill i don lùchairt: she returned to the palace; cho bòidheach ’s a bha i: as beautiful as she was; dearbhadh: proof; mus leig mi seachad i: before I let her go; mac Rìgh Lochlainn: a son of the King of Scandinavia; chunnaic Naois a shùil: Naois saw his eye; chì sinn dè rinn e: we’ll see what he did.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast