Main content
Sorry, this episode is not currently available

18/06/2007

Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIlleathain.

Clip

An Litir Bheag 109

Tha sgeulachd ainmeil co-cheangailte ri Beinn Ghulbain. Tha Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh. ’S e an t-ainm air an sgeulachd “Diarmaid agus Gràinne”. Seo agaibh geàrr-chunntas dhith.

Bha Fionn MacCumhail a’ dol a phòsadh Gràinne. Bha cuirm mhòr aca. Bha Diarmaid aig a’ chuirm. ’S e fear eireachdail a bh’ ann. Bha ball-seirce air aodann – a love spot. Ball-seirce. Bha e a’ cumail a bhonaid sìos airson am ball-seirce fhalach. Bha boireannaich a chunnaic am ball-seirce a’ gabhail gaol air.

Aig a’ chuirm bha coin a’ sabaid. Dh’fheuch na fir ris na coin a chur bho chèile. Bha Diarmaid nam measg. Thog e a bhonaid beagan. Chunnaic Gràinne am ball-seirce. Ghabh i gaol air Diarmaid.

“Ruithidh thu air falbh leam,” thuirt i ris.

“Cha dèan mi sin,” arsa Diarmaid. “Cha tèid mi leat.” Chaidh Diarmaid a dh’àite fad’ air falbh. Thog e taigh. Dh’fhuirich e ann.

Madainn a bha seo ghlaodh Gràinne aig an doras. “A bheil thu a-staigh a Dhiarmaid?” thuirt i.

“Tha,” fhreagair Diarmaid.

“Thig a-mach is falbh leam,” thuirt Gràinne.

“Cha tig is chan fhalbh.”

“Feumaidh tu,” thuirt i.

“Chan eil àite dhan tèid sinn,” thuirt Diarmaid, “air nach bi fios aig Fionn. Marbhaidh e mi.”

“Thèid sinn do Charraig,” thuirt Gràinne. “Tha uiread de Charraigean ann ’s nach bi fios aige cò an tè anns a bheil sinn.” Dh’fhalbh iad còmhla gu Carraig an Daimh. Rinn iad an dachaigh ann. Bha Diarmaid na shaor agus na iasgair. Bha Gràinne a’ reic nan soithichean fiodha a bha Diarmaid a’ dèanamh. Ach bha leapannan air leth aca.

Latha a bha seo thàinig bodach mòr. ’S e Ciofach Mac a’ Ghoill an t-ainm a bh’ air. Rinn Gràinne is am bodach plana. Bha iad a’ dol a mharbhadh Dhiarmaid. Thug am bodach ionnsaigh air Diarmaid. Bha am bodach làidir ach bha Diarmaid na bu làidire. Chuir e am bodach fodha.

Rug Gràinne air sgian. Stob i ann an cas Dhiarmaid i. Theich Diarmaid. Is cluinnidh sinn na thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean

Faclan is abairtean: Tha Beinn Ghulbain ann an Gleann Sìdh: Ben Gulabin is in Glenshee; seo agaibh geàrr-chunntas dhith: here is a shortened account of it; a’ dol a phòsadh: going to marry; cuirm: feast; ’s e fear eireachdail a bh’ ann: he was a handsome man; airson am ball-seirce fhalach: to hide the love spot; a’ gabhail gaol air: falling in love with him; dh’fheuch na fir ris na coin a chur bho chèile: the men tried to keep the dogs from each other; bha Diarmaid nam measg: Diarmaid was among them; ruithidh thu air falbh leam: you’ll run away with me; cha dèan mi sin: I won’t do that; cha tèid mi leat: I won’t go with you; ghlaodh Gràinne aig an doras: Gràinne shouted at the door; thig a-mach is falbh leam: come out and come away with me; cha tig is chan fhalbh: No! ie I won’t come [out] and I won’t leave [with you]; feumaidh tu: you must; air nach bi fios aig Fionn: that Fionn won’t know of; marbhaidh e mi: he’ll kill me; tha uiread de Charraigean ann ’s nach bi fios aige cò an tè anns a bheil sinn: there are so many Carraigs that he won’t know which one we’re in; bha Diarmaid na shaor agus na iasgair: Diarmaid was a carpenter and fisherman; soithichean fiodha: wooden vessels; rinn Gràinne is am bodach plana: Gràinne and the old man made a plan; thug am bodach ionnsaigh air Diarmaid: the old man attacked Diarmaid; chuir e am bodach fodha: Diarmaid got the old man under him; rug Gràinne air sgian: Gràinne seized a knife; stob i ann an cas Dhiarmaid i: she stuck it into Diarmaid’s leg.

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast