Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid

Seirbheis còmhla ris an Urr Murchadh A MacLeòid, Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt. Gaelic service conducted by Rev Murdo A MacLeod, Free Church (Continuing) Snizort.

Anns an t-seribheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 84: 8-9 air fonn Torwood agus 's e Samuel Stoddart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sràid an Diùic ann an Glaschu
Salm 68: 18-19 air fonn Montrose agus 's e Uilleam Moireach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac
Salm 130: 7-8 air fonn Kilmarnock agus 's e Alasdair Macleòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach.

Leughadh: Eòin 20: 1-18
Ceann-teagaisg: Eòin 20: 11

Tha Mgr MacLeòid na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Leantainneach Shnìosoirt san Eilean Sgitheanach. Bha Mgr MacLeòid roimhe sin na mhinistear air coitheanal Phartaig agus coitheanal an Òib sna Hearadh. Buinidh Mgr MacLeòid, a rugadh ann an 1968, do Bhail' Ailein, ann an sgìre nan Loch, an Eilean Leòdhais. Tha e pòsta aig Isobel a thogadh an Orasaigh, baile beag bòidheach ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas, agus tha ceathrar chloinne aca.

Release date:

30 minutes

On radio

Sunday09:00

Broadcasts

  • Sunday09:00
  • Sunday15:00