
còmhla ri Niall Iain Dòmhnallach
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain.
Tha treand ùr air na meadhanan sòisealta a' faicinn dhaoine a' feuchainn ris an nearbh vagus a chuir thuige ann an diofar dhòighean gus socrachadh a thoirt orra fhèin agus na faireachaidhean aca a chothromachadh. Ach tha obair gu math cudromach aig an nearbh vagus anns a' chorp mar a tha Niall Iain a cluinntinn bhon Dotair Catriona NicRath.
Tha mòran air a bhith a' dèanamh fiughair ris an fhilm ùr aig Robert Pattinson agus Zendaya, The Drama, agus fhuair Seona NicClintock cothrom fhaicinn air an deireadh sheachdain. An dùil dè shaoil i dheth?
Agus a' leantainn oirnn leis an t-sreath Fìor neo Breug, tha Ciorstan May Howarth a' feuchainn ri Niall Iain a mhealladh le dà sgeulachd fìor agus aonan na bhreug.
On radio
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Today12:00BBC Radio nan Gàidheal
- Today21:00BBC Radio nan Gàidheal