Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1394

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1394. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

28 days left to listen

5 minutes

Litir 1394: Màiri NicEalair (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhàiri NicEalair, a bhana-bhàrd Abrach. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a sia (1866), roghnaich i a dhol a dh’fhuireach air bòrd soitheach an duine aice – an Glencoe. ’S e soitheach beag a bh’ innte, le sgioba de chòignear.

Bha i a’ fuireach air bòrd airson deich bliadhna, a’ seòladh fad is farsaing. Chuir i seachad dà bhliadhna, gun aon oidhche air tìr. Feumaidh nach robh e furasta aig amannan, ach ghabh Màiri an cothrom a bhith ri sgrìobhadh, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Bha i fìor chomasach mar sgrìobhadair de rosg agus bàrdachd anns an dà chànan.

Tha a bàrdachd ag innse dhuinn gun do chòrd e rithe an soitheach a bhith fo shiùil anns a’ chuan far nach fhaiceadh i tìr. Ach aig amannan bhiodh i ag ionndrainn dùthaich a h-àraich ann an Loch Abar. Ann an aon dàn rinn i coimeas eadar Loch Abar agus na dùthchannan a chunnaic i anns an Roinn Eòrpa:

’S bhon a dh’fhàg mi tìr mo ghaoil,

Gur h-ioma taobh ’bha m’ fhalbhan,

Bhon t-Suain, ’s Lochlann, ’s an Òlaind,

An Fhraing mhòr ’s a’ Ghearmailt,

Cha shàsaich am brèaghad mo shùil,

Ged ’s plùranach no garbh iad,

’S mi ’cuimhneachadh d’ fhallain sa Chèitean

Le ’seudan a’ deàlradh.

Mus do cho-dhùin i dhol a dh’fhuireach air bòrd, bha Màiri stèidhichte air tìr-mòr fhad ’s a bha an duine aice aig muir. Math dh’fhaodte gur e sin a ghluais i gu dàn ainmeil a sgrìobhadh – Am Maraiche ’s a Leannan. Anns a’ chiad rann, ’s e an seòladair a tha a’ bruidhinn. Tha e a’ gabhail fòrladh air tìr, ach tha an cuan ga tharraing air ais:

O ’s mairg tha ’n-diugh feadh garbhlaich

’S ri falbhan am measg fraoich,

Is gathan grèin gu h-òr-bhuidh

A’ dòrtadh air gach taobh;

Gum b’ fheàrr a bhith air bàrr nan tonn

Air long nan cranna caol,

’S a’ faicinn nan seòl ùra

Ri sùgradh anns a’ ghaoith.

Anns an dàrna rann, tha a leannan ga fhreagairt. Chan eil i fhèin toilichte gum bi esan air falbh am measg nan stuagh:

O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam

Do chòmhradh anns an uair,

An fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh

Ri gleanntan glas a’ chuain;

’S gur tric is adhbhar caoinidh leam

A h-aon dhan tug mi luaidh,

Bhith às mo shealladh fad air falbh

Air bhàrraibh garbh nan stuagh

Ged a bha gràdh aig Màiri air a’ Ghàidhealtachd, bha i cuideachd measail air Dùn Èideann. Sin far an do phòs i – anns an Eaglais Shaoir ann an ochd ceud deug, caogad ’s a còig (1855). Bha a màthair-chèile a’ ruith taigh-aoigheachd anns a bhaile. Agus nuair a bha i air fòrladh air tìr, bhiodh Màiri a’ dol a Dhùn Èideann far an d’ fhuair i eòlas air luchd-labhairt agus luchd-taice na Gàidhlig. Fhuair i eòlas gu sònraichte air a’ Phroifeasair Iain Stiùbhart Blackie a’ bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann.

Nuair a chaochail a màthair-chèile, ghabh Màiri thairis an taigh-aoigheachd. Dh’fhàg i beatha a’ mharaiche air a cùlaibh. Agus dh’fhàg i a beatha mar bhean do dh’Iain air a cùlaibh cuideachd. Cha robh a pòsadh ga toileachadh agus chuir i roimhe fuireach ann an Dùn Èideann agus bith-beò a dhèanamh le a cuid sgrìobhaidh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Màiri NicEalair: Mary MacKellar; bana-bhàrd Abrach: Lochaber poetess; maraiche: mariner; leannan: sweetheart; taigh-aoigheachd: guest house; a màthair-chèile: her mother-in-law; Cathair Cheiltis: Chair of Celtic.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: chuir i seachad dà bhliadhna, gun aon oidhche air tìr: she spent two years without a single night on land; fìor chomasach mar sgrìobhadair de rosg agus bàrdachd: extremely competent as a writer of prose and poetry; gun do chòrd e rithe an soitheach a bhith fo shiùil: that she enjoyed the vessel being under sail; anns a’ chuan far nach fhaiceadh i tìr: in the ocean where she couldn’t [wouldn’t] see land; gur h-ioma taobh ’bha m’ fhalbhan: my travels have been in many places; cha shàsaich am brèaghad mo shùil: their beauty does not satisfy my eye; ged ’s plùranach no garbh iad: though they be flowery [i.e. gentle] or rough; ’s mi ’cuimhneachadh d’ fhallain sa Chèitean: and I remember your mantle in May; le ’seudan a’ deàlradh: with its jewels sparkling; a’ gabhail fòrladh air tìr: taking leave on land; ’s mairg tha ’n-diugh feadh garbhlaich: it’s dismal today to be in rough terrain; ri falbhan am measg fraoich: wandering among heather; air long nan cranna caol: on a slim-masted ship; a’ faicinn nan seòl ùra ri sùgradh anns a’ ghaoith: seeing the new sails making merry in the wind; fhleasgaich òig, gur gòrach leam do chòmhradh anns an uair: young man, your talk at this time is foolish to me; an fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh ri gleanntan glas a’ chuain: comparing the green heathery mountain to the grey troughs of the ocean; gur tric is adhbhar caoinidh leam: it is often a reason for me to weep; air bhàrraibh garbh nan stuagh: on the rough crests of the waves.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: ’S e soitheach beag a bh’ innte: she was a small vessel. You might have picked up here on what appears to be a disagreement of gender. Soitheach is a masculine noun so one might expect ‘ʼs e soitheach beag a bh’ ann’, using the third person masculine singular prepositional pronoun ann ‘in him’ rather than the feminine form innte ‘in her’. However, boats are generally treated as conceptually feminine so it is more natural to say ‘innte’ here.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Gum b’ fheàrr a bhith air bàrr nan tonn: better to be on the crest of the waves.

Broadcast

  • Sunday13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast