Main content

còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill

A' toirt thugainn Seirbheis Didòmhnaich na Càisge am-bliadhna tha an Canan Seumas MacNèill. Canon James MacNeil with a special service for Easter Sunday.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Glòir do Dhia tha sinne seinn do chliù, A Thighearna a Chruthaich is a Dhealbh Mi agus Seinneamh Do'n Tighearna le Còisirean Eaglaisean Bharraigh
A' seinn Salm 103 tha Eardsaidh MacGillEathain

Leughaidhean:
Gnìomhan nan Abstol: 10:34 & 37-43 agus Lìtir aig Naomh Pòl gu na Colosianaich 3:1- 4 agus a' leughadh tha Màiri NicÌomhair
Soisgeul: Eòin 20: 1-19

Rugadh Mgr Seumas an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson 5 bliadhna.

Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

27 days left to listen

30 minutes

Last on

Sunday15:00

Broadcasts

  • Sunday09:00
  • Sunday15:00