
Turas fèin-aithne dha boireannach Dhubh tar-ghnèitheach ann am Brasil. A journey of self-discovery for a black trans woman in Brazil.
A’ leantainn bliadhna ann am beatha oileanach agus neach-ionnsachaidh na Gàidhlig, Loretta Crinall, ’s i a’ fàgail a dachaigh ann an Glaschu agus a’ dèanamh a slighe chun a’ bhaile as motha ann an Aimeireagaidh a Deas, Sao Paulo, mar phàirt dhen cheum chànain aice. O chionn ghoirid, tha Loretta air a dreuchd a leigeil dhi mar chluicheadair drag agus tha i a-nis a’ gabhail turas gu dùthaich neo-aithnichte leis gach dùbhlan a thig na chois.
Mar sgoilear mion-chànain agus neach-iomairt, gabhaidh Loretta an cothrom rannsachadh mionaideach a dhèanamh air daoine tùsanach na sgìre. Air a’ Bheinn Jaragua, air oir Sao Paulo, thèid i a choinneachadh ris na daoine Guarani a tha air a bhith fuireach an sin airson linntean. Ann an còmhradh le Anthony Kara’i Poty, cluinnidh Loretta mar a tha na Guarani air a bhith a’ strì airson an dòigh beatha aca a dhìon an aghaidh foirneart is aineolas.
Bheir an turas seo cuideachd an cothrom dha Loretta sealltainn air ais a beatha, ag èirigh suas mar bhoireannach Dhubh, tar-ghnèitheach, agus a’ bhuaidh a thug sin oirre, gu pearsanta agus gu poilitigeach. Am measg seallaidhean eireachdail Bhrasil, gheibh sinn eòlas air Loretta ’s i a’ dèiligeadh ri cànain is cultar ùr aig àm làn atharraidhean na beatha.
Following a year in the life of student and Gaelic learner Loretta Crinall, as she leaves her home in Glasgow and makes her way to the largest city in South America, Sao Paulo, as part of her languages degree. Having recently left her career as a drag performer, Loretta is now embarking on a journey to an unknown country with all the challenges that come with it.
As a minority language scholar and activist, this trip gives her the opportunity to conduct in-depth research on the region’s indigenous people. On the Jaragua Mountain, on the outskirts of Sao Paulo, she meets the Guarani people who have lived there for centuries. In a conversation with Anthony Kara’i Poty, Loretta hears how the Guarani have fought to defend their way of life against violence and ignorance.
This journey also gives Loretta the opportunity to look back on her life growing up as a black, trans woman, and the impact that has had on her, both personally and politically. Set amidst the stunning landscapes of Brazil, we get to know Loretta as she navigates new languages and culture at a time of great change in her life.
In Gaelic with English subtitles.