
Aiginis, An Rubha
Prògram a tasglann Fàilte air a' Bhaile. Thadhail Aonghas Dòmhnallach air Aiginis san Rubha ann an 1985. Fàilte air a Bhaile in Aiginish, Point in1985 from the BBC archive.
Tha BBC Radio nan Gàidheal a' comharrachadh 40 bliadhna de chraoladh, agus tha sinn a' dol air ais gu na tràth laithean sin airson an t-sreath Fàilte air a' Bhaile. Anns a' phrògram seo, thadhail Aonghas Dòmhnallach air Aiginis san Rubha ann an 1985.
Tha muinntir na sgìre a'còmhradh ri Aonghas, a bhuineas don sgìre sin cuideachd, mu strì an fhearainn san sgìre san naoidheamh linn deug. Cluinnear cuideachd mun togail a fhuair iad, làithean na h-òige anns a' bhaile agus mar a tha cùisean air atharrachadh. Chualar bho Ceit Crichton, Dollag NicLeòid, Alasdair Dòmhnallach, Murchadh Rothach agus Alasdair MacLeòid, agus chuala sinn Alma Kerr a' sèinn Aiginis air a' Mhachair.
On radio
Broadcasts
- Mon 2 Mar 202615:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 4 Mar 202620:00BBC Radio nan Gàidheal