Main content
Episode 9
Cruinneachadh de dh'òrain bho sheinneadairean cliùiteach na Gàidhlig à tasglann BBC Radio nan Gàidheal. A selection of songs from BBC Radio nan Gàidheal's archive.
Airson beagan bhliadhnaichean air ais anns na 1980an, chuala luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal “An t-Òranaiche.” Gach seachdain, thadhladh fear neo tè dhe na seinneadairean Gàidhlig a bu chliùitiche bh’ ann aig an àm air a’ stiùidio aig seann thogalach a’ BhBC air Slighe na Banrigh Mairead airson òran neo dhà a ghabhail.
Thairis air an t-sreath seo, bidh Fiona NicChoinnich a’ toirt thugaibh a taghadh fhèin bhon tasglainn phrìseil seo.
Anns a' phrògram seo, cluinnear òrain le Kirsteen Ghrannd, Murdigan Dòmhnallach, Flòraidh NicNèill agus Billy Ros.
Last on
Sat 31 Jan 202612:00
BBC Radio nan Gàidheal
Broadcasts
- Tue 27 Jan 202616:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 28 Jan 202619:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 31 Jan 202612:00BBC Radio nan Gàidheal
