Main content

còmhla ris an Urr Calum I MacLeòid

Seirbheis deireadh bliadhna còmhla ris an Urr Calum I MacLeòid, Eaglais Fearann na Tòiseachd 's Ruigh Sholais. End of year service with Rev Calum I MacLeod, Ferintosh & Resolis FC.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm, laoidh agus an leughadh a leanas:
Salm 40: 1-3 air fonn Balerma agus 's e Murchadh MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh
Salm 84: 11-12 air fonn Moravia agus 's e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus 's e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seminaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.

Mus deach e os cionn coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais, bha an t-Urr Calum Iain MacLeòid 8 bliadhna os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e os cionn coitheanal Eaglais Shaor Bharabhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Coimhearsnachd Chalanais agus nan Geàrrannan air taobh siar Leòdhais.

'S ann do Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus bha e na Chrìostaidh bho bha e 13 bliadhna. Tha e fada an comain an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an àm, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.

Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith. 'S e Mgr MacLeòid am modaràtair a bhios air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire an-ath-bhliadhn'.

15 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 28 Dec 202515:00

Broadcasts

  • Sun 28 Dec 202509:00
  • Sun 28 Dec 202515:00