Main content

Mac'illeMhìcheil aig 70

Tha Iain a' comharrachadh leth-cheud bliadhna na chraoladair ann an còmhradh ri Cathy NicDhòmhnaill. John Carmichael marks 50 years in broadcasting with Cathy MacDonald.

’S e prògram sònraichte a th’ ann an Mac’illeMhìcheil @ 70 a tha a’ toirt sùil air aon de na guthan as aithnichte is as còrdaichte a tha ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal. Am-bliadhna, chomharraich Iain Mac’illeMhìcheil leth-cheud bliadhna ann an craoladh is e a-nis seachdad bliadhna a dh’aois cuideachd.

Airson còig deicheadan, tha Iain air a bhith na phreasantair maireannach air an stèisean, a’ bruidhinn ri aoighean, a’ sgaoileadh ciùil agus a’ làimhseachadh chòmhraidhean le blàths is fealla-dhà. Sa phrògam seo ge-tà, tha sinn a’ cur dreach a’ phrògraim aig Iain bun-os-cionn is ’s i an craoladair cliùiteach Cathy NicDhòmhnaill a bhios a’ cur nan ceistean airsan. Airson aon oidhche a-mhàin, ’s e Iain a tha na aoigh.

Clàraichte an dà chuid ann an Ìle agus ann an Glaschu, tha am prògram a’ dol eadar còmhradh, ceòl is pìosan bhon tasglann anns an robh Iain an sàs thar nam bliadhnaichean. Tha John a’ cuimhneachadh air an togail a bh’ aige ann an Ìle, na thràth bhliadhnaichean ann an radio, na prògraman is na daoine a tha air a bhith cudromach dha is a’ cheòl a tha air a bhith na chompanach dha.

Aotrom, neo-fhoirmeil, eirmseach is tiamhaidh, tha Mac’illeMhìcheil @ 70 a’ toirt cothrom don luchd-èisteachd dà uair a thìde a chur seachad le aon de na guthan as cliùitiche aig Radio nan Gàidheal ann an dòigh nach deach a dhèanamh roimhe.

Mac’ille Mhìcheil @ 70 is a two-hour special paying tribute to one of the most recognisable and warmly regarded voices on BBC Radio nan Gàidheal. This year, John celebrated fifty years in broadcasting, as well as turning 70 years old.

For five decades, John has been a constant presence on the station, introducing guests, sharing music, and guiding conversations with warmth and humour. In this one-off programme, the familiar format of his long-running Friday night show is turned on its head. For once, John becomes the guest, guided in conversation by fellow broadcaster Cathy MacDonald.

Recorded across a combination of studio sessions and visits to John’s home island of Islay, the programme moves between conversation, music, and archive clips drawn from across his broadcasting career. John reflects on his upbringing, his early years in radio, and the programmes and people that have stayed with him, alongside the music that has soundtracked his life.

Light-hearted, informal, and full of familiar moments, Mac ’ille Mhìcheil @ 70 offers listeners the chance to spend time with one of Radio nan Gàidheal’s best-known voices, hearing him as they’ve rarely heard him before.

13 days left to listen

2 hours

Last on

Boxing Day 202521:00

Broadcast

  • Boxing Day 202521:00