Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1375
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1375. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners
Last on
Sun 23 Nov 202513:55
BBC Radio nan Gàidheal
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1071
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1375
Duration: 05:06
Litir 1375: Drochaid an Obh (1)
Dè an ‘drochaid’ air a’ Ghàidhealtachd nach eil na drochaid? Sin tòimhseachan dhuibh aig toiseach na Litreach an turas seo! Tha drochaid ann nach do ghiùlain duine a-riamh a-null ’s a-nall. Chaidh a togail ach cha deach a togail le daoine.
Ma chanas mi gu bheil an drochaid seo air taobh an ear na Gàidhealtachd, aig beul linne-mhara, ’s dòcha gum bi fios agaibh dè an drochaid a th’ ann. Tha i tuath air Inbhir Nis agus tha i air a’ chrìch eadar Machair Rois agus Machair Chataibh. Tha i faisg air Baile Dhubhthaich.
Tha mi a-mach air Drochaid an Obh. ’S e oitir a th’ innte – oitir-ghainmhich – aig beul Linne Dhòrnaich, eadar Dòrnach agus a’ Mhormhaich Mhòr. Tha i na cunnart do mharaichean oir tha a’ mhuir eu-domhainn agus bidh i gu math garbh aig amannan.
Gu dearbh, mus robh an drochaid-rathaid air a togail faisg air làimh, ’s ann air bàt’-aiseig a bhiodh daoine a’ dol tarsainn na linne. Agus bha Drochaid an Obh cunnartach dhaibh nuair nach robh einnseanan anns na soithichean aca. Ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809) chaidh bàt’-aiseig fodha air Drochaid an Obh, agus bha na ficheadan daoine air am bàthadh.
Anns an Dùbhlachd ochd ceud deug, seasgad ’s a ceithir (1864), bha an sgùinear, an Sarah, a’ seòladh eadar Port mo Cholmaig agus Baile Dhubhthaich. Ged nach robh an t-sìde ro dhona, bha tuinn mhòra ann aig Drochaid an Obh.
Chailleadh smachd air an t-soitheach. Chaidh a druim air a’ ghainmhich agus chaidh a slige a bhriseadh. Thàinig an dorchadas agus cha robh dòchas aig a’ chriutha faighinn às lem beatha. Mhair aon duine beò dhen chriutha de shianar.
Bu chòir dhomh innse dhuibh gu bheil ainm Beurla air Drochaid an Obh cuideachd. ’S e sin ‘Gizzen Briggs’. Tha muinntir na sgìre gu math eòlach oirre eadhon an-diugh.
Tha a’ Bheurla Ghallta air a bhith ann an Ros an Ear fad ùine mhòr, gu h-àraidh am measg nam maraichean, agus anns a’ chànan sin, tha Gizzen Briggs a’ ciallachadh ‘drochaid aoidionach’ no ‘leaky bridge’. Bha an sàr-eòlaiche air ainmean-àite – Uilleam MacBhàtair, a bhuineadh do Mhachair Rois – dhen bheachd gur ann bhon t-Seann Lochlannais a thàinig an t-ainm, seach bhon Bheurla. Chan eil mi cinnteach an robh e ceart no ceàrr, ach coma leinn – ann an Seann Lochlannais, bhiodh e a’ ciallachadh cuideachd ‘drochaid aoidionach’.
Thathar a’ dèanamh dheth gur e creutair-mara os-nàdarrach a bh’ anns an Obh. Tha i air a clàradh cuideachd mar aobh no baobh, a’ ciallachadh ‘wicked, mischievous, female spirit’. Math dh’fhaodte an seòrsa creutair os-nàdarrach a bheireadh maraichean dom bàs.
Tha sgeul eile mun t-soitheach-seòlaidh, an Rotterdam. Bha an sgiobair aice na thrustar. Bha e dhen bheachd gun robh an long cho mòr agus cho goireasach ’s nach bu chòir eagal sam bith a bhith air ro rud sam bith. Dh’fhalbh e a sheòladh air na seachd cuantan. Ach cha robh e air a dhol fada nuair a thàinig e gu beul Linne Dhòrnaich. Agus chuir Drochaid an Obh fodha e.
Aig toiseach na Litreach thuirt mi gun deach Drochaid an Obh a thogail. Innsidh mi dhuibh an sgeul mu dheidhinn sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tòimhseachan: puzzle, riddle; Baile Dhubhthaich: Tain; Drochaid an Obh: ‘the bridge of the evil spirit’; oitir: sandbank; Linne Dhòrnaich: Dornoch Firth; Mhormhaich Mhòr: Morrich More; sgùinear: schooner; Port mo Cholmaig: Portmahomack; tuinn mhòra: large waves; dorchadas: darkness; Uilleam MacBhàtair: William Watson; an Seann Lochlannais: Old Norse (language); creutair-mara os-nàdarrach: supernatural maritime creature.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Dè an ‘drochaid’ air a’ Ghàidhealtachd nach eil na drochaid?: what ‘bridge’ in the Highlands is not a bridge?; tha drochaid ann nach do ghiùlain duine a-riamh a-null ’s a-nall: there is a bridge that never carried a person over or back; aig beul linne-mhara: at the mouth of a sea-firth; air a’ chrìch eadar Machair Rois agus Machair Chataibh: at the boundary between the low ground of Easter Ross and East Sutherland; tha i na cunnart do mharaichean: it is a danger to mariners; tha a’ mhuir eu-domhainn agus bidh i gu math garbh aig amannan: the sea is shallow and it is rough at times; mus robh an drochaid-rathaid air a togail faisg air làimh: before the road bridge was built nearby; chaidh bàt’-aiseig fodha: a ferry sank; bha na ficheadan daoine air am bàthadh: scores of people were drowned; chailleadh smachd air an t-soitheach: control of the vessel was lost; chaidh a druim air a’ ghainmhich agus chaidh a slige a bhriseadh: her keel went on the sand and her hull was broken; cha robh dòchas aig a’ chriutha faighinn às lem beatha: the crew had no hope of escaping with their lives; mhair aon duine beò dhen chriutha de shianar: one person of the six-person crew survived; a’ Bheurla Ghallta: Lowland Scots; a bheireadh maraichean dom bàs: who would take mariners to their deaths; bha an sgiobair aice na thrustar: her captain was a rogue; dh’fhalbh e a sheòladh air na seachd cuantan: he left to sail the seven seas.
Puing-chànain na Litreach
Puing-chànain na Litreach: Chaidh a togail ach cha deach a togail le daoine: it was built but it was not built by people. Drochaid is a feminine noun and the ‘a’ is here the feminine singular pronoun to reflect that. When it acts possessively on the (verbal) noun togail, it does not lenite it. We would say chaidh an drochaid a thogail with the noun present, but chaidh a togail ‘she was built’ with the feminine pronoun.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach: coma leinn: it doesn’t matter, we couldn’t care less.
Broadcast
- Sun 23 Nov 202513:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.