Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1373

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1373. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Litir 1373: Mullock, Mulag is Mulcan

Bha mi turas còmhla ri m’ athair-chèile nach maireann ann an sgìre far an robh mèinnearachd a’ dol uaireigin. Bha esan a’ fuireach ann am Bhictoria ann an ceann an earra-dheas Astràilia. Bha uaireigin mèinnearachd gu leòr a’ dol ann am Bhictoria – gu h-àraidh mèinnearachd òir.

Bha coltas iongantach air an dùthaich. Bha cnapan talmhainn air feadh an àite. Chanainn gun robh feadhainn aca cho mòr ri taigh, agus cumadh rudeigin cruinn orra. Bha feadhainn aca car biorach gu h-àrd coltach ri beinn bheag Ailpeach. Ach cha robh iad nàdarrach. Bha iad air an dèanamh le daoine.

Bha ainm aig m’ athair-chèile airson na leithid – mullock heap. Tha sin gu math aithnichte air feadh Astràilia, co-dhiù far an robh daoine ri mèinnearachd. Sin nuair a bha iad ag obair leotha fhèin le spaid, a’ cladhach tuill agus a’ fàgail ùir agus clachan air aon taobh. Nuair a chuala mi an abairt sin – mullock heap – smaoinich mi air a’ Ghàidhlig. Saoil dè an cànan às an tàinig mullock – M-U-L-L-O-C-K? Tha faclan car coltach ann an Gàidhlig, nach eil?

Tha aon fhaclair Beurla ag ràdh: mullock – ‘Australian – waste material from a mine’. Tha am buadhair ann – mullocky – resembling the waste material from a mine, worthless or useless’. Saoil, ma-thà, an e an stuth fhèin a tha mullock a’ ciallachadh, seach na cnapan dheth?

Co-dhiù, tha na faclairean ag innse dhuinn gur ann bhon Bheurla Mheadhanaich a thàinig e a-steach do Bheurla an latha an-diugh, agus gu bheil e càirdeach don t-seann fhacal mul – M-U-L – a bha a’ ciallachadh ‘dust, mould, rubbish’.

Ge-tà, tha fios againn gun robh gu leòr de dhaoine à Alba agus Èirinn ri mèinnearachd òir ann an Astràilia ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Agus seo na tha sinn a’ lorg ann am faclairean Gàidhlig: mul ‘a conical heap, mound’; mulachan ‘small heap’; mulag ‘small mound, heap, pile’.

Agus ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha mul, mulachan agus mulag – no mullóg – ann cuideachd, leis an aon chiall ʼs a th’ againn ann an Alba. 

Mar sin, math dh’fhaodte gun robh na Sasannaich a’ faicinn mullock – ‘stuth gun fheum’ – agus gun robh na h-Albannaich ʼs na h-Èireannaich a’ faicinn mulagan air an dèanamh dhen stuth sin. Ach a’ dol air ais fada, saoil an tàinig facal Beurla a-steach don Ghàidhlig no an deach facal Gàidhlig a-steach don Bheurla? No a bheil iad neo-eisimeileach bho chèile, air an toirt còmhla ann an Astràilia?

ʼS e a thug an gnothach seo gu m’ aire gun robh mi a’ leughadh an leabhair A Hundred Years in the Highlands le Osgood MacCoinnich. Bha Gàidhlig aig Osgood agus tha e ag innse dhuinn gum fac’ e each na laighe air ‘mulcan (hillock)’. Ann an Litir ceud, caogad ʼs a còig (155) thug mi am facal sin dhuibh, mar eadar-theangachadh air drumlin

Tha cuimhne agam air còmhradh a bh’ agam le Roy Wentworth nach maireann – sgoilear na Gàidhlig à Geàrrloch. Bha e ag innse dhomh gun robh ainm-àite air na mapaichean faisg air Beinn Eighe ceàrr. B’ e sin Maol-Cheannan. ʼS e a bu chòir a bhith air ach Na Mulcanan. Oir tha mulcanan an sin a chaidh fhàgail leis an deigh o chionn mìltean bhliadhnaichean. Agus nuair a tha thu a’ dol nam measg, tha iad uabhasach coltach ri mullock heaps ann an Astràilia!

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Bhictoria: Victoria; mèinnearachd òir: gold mining; nàdarrach: natural; buadhair: adjective; A’ Bheurla Mheadhanach: Middle English; Geàrrloch: Gairloch.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha mi turas còmhla ri m’ athair-chèile nach maireann: I was one time in the company of my late father-in-law; sgìre far an robh mèinnearachd a’ dol uaireigin: an area where mining took place at one time; bha coltas iongantach air an dùthaich: the country looked amazing, strange; cho mòr ri taigh, agus cumadh rudeigin cruinn orra: as big as a house, with a somewhat round shape; biorach gu h-àrd coltach ri beinn bheag Ailpeach: pointed on top like a small Alpine peak; airson na leithid: for the like; ag obair leotha fhèin le spaid: working by themselves with a spade, a’ cladhach tuill agus a’ fàgail ùir agus clachan air aon taobh: digging holes and leaving earth and stones on one side; an e an stuth fhèin a tha X a’ ciallachadh, seach na cnapan dheth?: is it the material itself that X means, rather than the lumps/hillocks of it?; ann am meadhan an naoidheamh linn deug: in the middle of the 19th century; leis an aon chiall ʼs a th’ againn ann an Alba: with the same meaning that we have in Scotland; air an toirt còmhla ann an Astràilia: brought together in Australia; gum fac’ e each na laighe air: that he saw a horse lying on; tha mulcanan an sin a chaidh fhàgail leis an deigh o chionn mìltean bhliadhnaichean: there are hillocks there that were left by the ice thousands of years ago; nuair a tha thu a’ dol nam measg, tha iad uabhasach coltach ri: when you go among them, they are very like.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Bha cnapan talmhainn air feadh an àite: there were small hills of ground throughout the place. Talamh can be tricky to translate sometimes. It can mean ‘land’, ‘ground’ or ‘earth’. The genitive form is talmhainn. Here are some usages: pìos mòr talmhainn ‘a big piece of land’; tha an talamh cho cruaidh ris an umha ‘the ground is as hard as bronze [iron]’; a bheil an talamh domhainn gu leòr airson dad a chur ann? ‘is the earth deep enough to plant anything in it?; dè air thalamh a tha sin? ‘what on earth is that?

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: neo-eisimeileach bho chèile: independent of [from] each other.

Broadcast

  • Sun 9 Nov 202513:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast