Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè cho Neanderthal is a tha sinn ann an dha-rìribh? How Neanderthal are we really? Cathy MacDonald discusses the impact of other early humans on our genome.

Dè tha gnìomhachas an fhànais a' ciallachadh do dh' Alba? Le iomairtean airson puirt-fànais air feadh na dùthcha - eadar Sealtainn agus Uibhist - cha bheag na cothroman a tha an cois leudachadh buaidh mhic an dùine air na speuran. Ach a bheil buannachdan ann dhuinn ann an dha-rìribh? Tha an innleadair Naomi Mitchison agus am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach - aig a bheil ùidh mhòr le chèile sa chuspair - còmhla rinn gus beachdachadh air freagairt na ceist.

Air ais air an talamh fhèin - dè cho Neanderthal is a tha mac an duine? Ged a tha dealbh againn dhen t-seann sheòrsa sin de mhac an duine ris an canar Neanderthals mar bhrùidean amaideach... tha e coltach gu bheil na gineachan aca fhathast nar ceallan chun a' latha an-diugh. Cionnas agus carson? Tha an t-eòlaiche ginideachd, an t-Oll. Alasdair MacCoinnich, a' freagairt nan ceistean sin dha Cathy.

Dè tha fàgail rudeigin "cool" - neo, air a' chaochladh, "uncool"? 'S e facal a th' ann a chluinneas tu gu math tric sa Bheurla ach aig a bheil ciall is eadar-theangachadh eadar-dhealaichte - ach dè am freagairt a th' air a' cheist? Tha Iain MacCarmaig, Sìne NicDhòmhnaill, agus Shannon NicIlleathain a' beachdachadh air a' ghnothaich.

Agus tha sreath ùr againn a' tòiseachadh ron Nollaig - gach seachdain, tha cuideigin a' moladh leabhar neo-fhicsean dhuinn, a bhiodh iomchaidh mar phreusant Nollaig. 'S e The Early Life of James McBey: An Autobiography a thagh an sgrìobhadair Graham Cooper - agus tha e còmhla rinn gus innse carson.

57 minutes

Last on

Tue 4 Nov 202522:25

Broadcasts

  • Tue 4 Nov 202509:00
  • Tue 4 Nov 202522:25