
le Cathy NicDhòmhnaill
Bheil e nas cosgail siubhal air trèana seach plèana? Is travelling by train now more expensive than flying?
Bheil e tric nas saora sgèith air plèana seach trèana a ghabhail? Tha Greenpeace air a bhith sgrùdadh prìsean siubhal, 's e dèanamh dragh dhaibh gu bheil e tric nas buannachdail do sporan dhaoine, a bhith sgèith. Tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn a bhios a' taghadh siubhal air an trèana.
Tha an t-ùghdar Mairi Kidd ann an còmhradh ri Cathy mun nobhail ùr aice, Poor Creatures. Tha an sgeulachd a' tarraing air beatha an sgrìobhaiche Mary Shelley a' chruthaich sgeulachd Frankenstein.
Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air chuairt aig Caisteal Inbhir Lòchaidh - fear dha na caistealan Albannach as fheàrr a th’ air a ghlèidheadh bho na Meadhan Aoisean. Còmhla ris tha Eòghain MacEanraig agus Iain MacAonghais – dithis a tha gu math eòlach air dualchas na sgìre, agus àite a' chaisteil fhèin ann an eachdraidh Loch Abair.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 6 Nov 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 6 Nov 202522:25BBC Radio nan Gàidheal