
Finlay J ann an còmhradh ri Cairistìona NicDhòmhnaill
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gàidhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean ainmeil - Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Dràma na Gàidhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghàidhlig, Gairm.
Nuair a bhàsaich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gàidhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghàidhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
Cha bhi mòran Ghàidheil a bha beò sna 70an aig nach bi cuimhne air na teipichean 's na clàran aig Donnie 'Large' Dòmhnallach nuair a nochd iad, len ceòl beòthail ‘s òrain ùra Gàidhlig, agus ‘s i màthair Donnie, Cairistìona NicDhòmhnaill a sgrìobh mòran dhe na sheinn e. Bha i ann an còmhradh ri Finlay J ann an 1977.
Last on
Broadcasts
- Mon 21 Jul 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Jul 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Jul 202510:00BBC Radio nan Gàidheal