
Finlay J ann an còmhradh le Eòghainn MacIlleBhàin
A' comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh an craoladair 's an t-ùghdar Finlay J Dòmhnallach. Commemorating100 years since the birth of broadcaster and author Finlay J Macdonald.
Bha ceud bliadhna air 4mh den Iuchar 2025 bho rugadh Fionnlagh Dòmhnallach, Finlay J, ann an Sgarasta sna Hearadh, fear de laoich craoladh na Gàidhlig - agus na Beurla - an Alba. A thuilleadh air a bhith na riochdaire air radio is telebhisean, bha e cuideachd na ùghdar, a' sgrìobhadh trì leabhraichean - ainmeil Crowdie and Cream, Crotal and White agus The Corncrake and the Lysander.
Stèidhich e Comann Dràma na Gàidhlig agus, còmhla ri Ruairidh MacThòmais, stèidhich e, agus bha e na fhear-deasachaidh air, an iris Ghàidhlig, Gairm.
Nuair a bhàsaich Finlay J air seachdain a’ Mhòid ann an 1987, chaill saoghal na Gàidhlig fear a bh’ air barrachd a dhèanamh airson na h-ealain Ghàidhlig a chur mu choinneamh dhaoine na là na bha duin’ eile.
San t-sreath sa, tha sinn a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Fionnlagh le taghadh de phrògraman radio a rinn e a' còmhradh ri iomadach duine, thairis air an 30 bliadhna a bha e ag obair aig a’ BhBC.
Ann an 1977 bha Finlay J ann an còmhradh ri Eòghainn MacIlleBhàin, a rugadh dìreach ceala-deug roimhe, agus a bha e fhèin ainmeil air feadh Alba ann an saoghal nan Gàidheal, agus nan Gall, san Daily Record leis na cartùnaichean a bha e a' tarraing air Angus Òg.
Last on
Broadcasts
- Mon 14 Jul 202515:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 16 Jul 202520:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Jul 202510:00BBC Radio nan Gàidheal