
le Cathy NicDhòmhnaill
'S e an Comhairliche Calum Rothach cèiliche na seachdain. Councillor Calum Munro from the Isle of Skye is Cathy's guest.
Tha strì is sabaid a' leantainn ann an Siria, fada às dèidh do riaghaltas Assad tuiteam. Tha Israel a' cur taic - neo co-dhiù ag ràdh gu bheil iad a' cur taic - ri buidhnean bhon mhion-shluagh Druze ann an iar-dheas Shiria. Ach cò iad?
Cluinnidh sinn mu eachdraidh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, is cuairt air a chuir air dòigh le na h-oileanaich aig diofar àitichean chudromach ceangailte ris an oilthigh.
Agus 's e Calum Rothach - comhairliche don Eilean Sgitheanach, a tha air a ràdh gu bheil e an dùil a dhreuchd mar chomhairliche a leigeil seachad - cèiliche na seachdain. Le seachdain preantasachd ann an Alba, cluinnidh sinn mu shlighe obrach san - eadar cùrsaichean oilthigh, saoirsinneachd, teagaisg, agus obair comhairle.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 5 Mar 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 5 Mar 202522:25BBC Radio nan Gàidheal