
le Cathy NicDhòmhnaill
Le toiseach bliadhn' ionmhais, ciamar as còir dhuinn ar n-obair-pàipeir a chur an òrdugh? Tips to spring clean our paperwork at the start of the financial year.
Cha bheag na tha de dh'obair pàipeir ann am beatha dhaoine sa latha an-diugh. Ach dè mura h-eil smachd againn air? Tha an t-eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Màrtainn, agus tè-lagha Isabel NicLeòid cuide ri Cathy le comhairle dhuinn uile gus smachd nas fheàrr fhaighinn air cùisean air thoiseach air bliadhn' ùir.
Bidh Dòmhnall Iain Dòmhnallach a' beachdachadh air leabhar ùr Bill Gates: Source Code. Dè tha ri ionnsachadh san fhèin-eachdraidh sa bho fhear de na daoine as motha a rinn buannachd às a' linn ùr didseatach? Agus ciamar a chòrd e ri Dòmhnall Iain?
Gheibh sinn iomradh air beatha is obair Jack Vettriano, fear-ealain ainmeil à Fiofa a bhàsaich an t-seachdain sa, le Iseabail Mhoireach.
Agus 's e Dòmhnall MacChoinnich a thagh na gaisgich aigesan ann an eachdraidh dha Cathy an t-seachdain sa. Dè tha ri mholadh mun dithis a thagh e - Alasdair MacChoinnich, a lorg Abhainn MhicChoinnich ann an Canada; agus Murchadh MacPhàrlain, bàrd Mhealaboist?
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 4 Mar 202509:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 4 Mar 202522:25BBC Radio nan Gàidheal