
Gabhsann 1924 - 2024 Eap 2
2/3 Comharrachadh ceud bliadhna bho stèidhicheadh bailtean Ghabhsainn 's Mhealboist a Leòdhas. Commemorating 100 years since the establishment of the Galson community in Lewis.
‘S e te de bhailtean ùra na Gàidhealtachd a bh’ ann an Gabhsann. Bha na daoine air an sguabadh às a’ cheàrnaidh seo de cheann an iar thuath Leòdhais, mar a chaidh am fuadach à iomadh ceàrnaidh dhen Ghàidhealtachd ‘s nan Eilean tron naodhamh linn deug. Bha an t-àite air a ghabhail thairis le stoc nan uachdaran ‘s gu dearbha chaidh èirigh nan aghaidh. Ach b’ ann an dèidh a’ Chogaidh Mhòir, nuair a chaidh daoin’ air an casan a-rithist, a chaidh an talamh a bhriseadh ‘s a chuir a-mach na chroitean do dhaoine.
Tha ceud bliadhna, air a' bhliadhna seo fhèin, bhon uairsin.
A seo cluinnidh sinn criomagan còmhraidh prìseil bho phrògraman a chaidh a dhèanamh thar nam bliadhnaichean; cunntasan bhom bilean fhèin, bho chuid dhen fheadhainn sin a thàinig a dh’fhuireach an Gabhsann ann an 1924.
Last on
Broadcasts
- Mon 4 Nov 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 6 Nov 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Nov 202409:30BBC Radio nan Gàidheal