
Annabel Maclennan investigates illegal logging in Romania. Half of the country’s timber is felled illegally, with devastating consequences for the environment.
Tha Annabel Nic’Illinnein a’ rannsachadh leagail chraobhan mì-laghail ann an Romàinia. Tha an dàrna leth dha na craobhan a tha gan leagail san dùthaich air an toirt sios gu mì-laghail, a’ dèanamh sgrios air an àrainneachd, is cunnart dhan fheadhainn a tha feuchainn ri na coilltean a dhìon.
Annabel Maclennan investigates illegal logging in Romania. Half of the country’s timber is felled illegally, with devastating consequences for the environment and danger for those trying to protect the forests.
In Gaelic with English subtitles.
Last on
More episodes
Coilltean Romàinia gan call

Tha coilltean Romàinia a' còmhdach cha mhòr an treas cuid dhen
dùthaich. Tha mòran dhiubh nan coilltean seann-fhàs, le craobhan ceudan de
bhliadhnaichean a dh'aois nan dachaigh do mhathain, madaidhean-allaidh,
lincean, fiù 's tairbh-allaidh. Tha iad air maireachdainn, gu ìre mhòr gun
atharrachadh, bhon linn-deighe mu dheireadh – àrainneachdan sònraichte de
chudromachd cruinneil, gu sònraichte anns an t-strì an aghaidh atharrachadh na
gnàth-shìde.
Ach, tha coilltean Romàinia fo chunnart bho leagail-chraobhan
mì-laghail. Tha gnìomhachas an fhiodh na chùis mhòr ann an Romàinia. Tha e a' cunntais
airson 3.5% de GDP na dùthcha, agus a' cumail obair ri timcheall air 150,000
neach – cuid dhiubh ann an sgìrean dùthchail far a bheil e tric doirbh obair
idir a lorg. Tha iarrtas a tha a' sìor èirigh airson fiodh airson togalaichean,
àirneis, agus fiù 's connadh a' ciallachadh chothroman dhaibhsan a tha deònach
an lagh a bhriseadh.
Tha an dàrna leth dhen fhiodh ann an Romàinia ga ghearradh gu mì-laghail. Tha e tric a' tachairt le craobhan gan leagail agus gan giullachd
far-leabhraichean. Suidheachadh le mar eisimpleir 200 craobh air an gearradh
sìos, ach dìreach 100 clàraichte gu h-oifigeil. An còrr a' dol à sealladh, do
mhargaidh dhubh an fhiodh. Gun chìsean agus gun chlàradh. Ach, tha na lotan rim
faicinn air an tìr agus air na daoine.
Tha
Riaghaltas Romàinia air siostaman ùra sgrùdaidh is clàraidh a stèidheachadh sna
bliadhnaichean mu dheireadh gus coilltearachd mì-laghail a leantainn agus leigeil
le daoine aithris ma tha amharas orra gu bheil eucoir a' tachairt. Ach, tha an
duilgheadas a' leantainn. Tha agus an call agus am milleadh a tha ga dhèanamh.
Romania's vanishing forests

Romania's forests cover almost a third of the country. Much of it
is old growth forest, with trees hundreds of years old, home to bear, wolf,
lynx and even bison. These forests have survived, largely unchanged, since the
last ice age – unique habitats of global significance, not least in the fight
against climate change.
However, Romania's forests are under threat from illegal logging.
The timber industry is a big deal in Romania. It counts for 3.5% of GDP, and
employs around 150,000 people – largely in rural areas where employment can be
hard to come by. Rising demand for timber to be used for construction, furniture,
and even firewood, means opportunity for those who are willing to break the
law.
Half of all timber in Romania is felled illegally. Much of this is
in the form of trees felled and processed off-books. Two hundred trees are
felled for example, with only 100 recorded officially, the other 100
disappearing into the black timber market. Untaxed, and unrecorded. But the
scars are visible on the landscape and its people.
The
Romanian Government has established new monitoring and tracking systems in
recent years to keep track of deforestation and to allow the reporting of
illegal activity. However, the problem persists, as does the loss and damage
caused.
Featured in...
![]()
Eòrpa
Sùil air cuspairean naidheachd à Alba agus air feadh na Roinn Eòrpa.
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe



