
Clàraidhean Polly Hitchcock
Sgeulachd mu na chlàr a' bhan-Ameireaganach Polly Hitchcock sna h-eileanan anns na 1950an. The American, Polly Hitchcock's recordings in the islands in the 1950s.
Ann an 1951, thàinig ban-Ameireaganach a dh'fhuireach sna h-eileanan airson ùine ghoirid. B' ise Polly Hitchcock agus na cois thug i inneal-clàraidh, ùidh ann an ceòl is dualchas nan eilean, agus miann cuid de na h-eileanaich a chlàradh.
'S ann an taigh an dotair ann an Dalabrog a chlàr i a' mhòr-chuid - òrain, puirt air a' phìob, òrain luaidh - agus chaidh clàr le cuid de na thog i fhoillseachadh ann an 1952, às dèidh dhi tilleadh do na Stàitean. Eadar Iain Ruadh, An Eòsag, Iain Pheadair, Eàirdsidh agus Ceit NicDhòmhnaill, Rena NicIllEathain is gu leòr eile, abair gur e clàr air leth a th' ann ri èisteachd an-diugh.
Ach mar a tha Coinneach Mac a' Ghobhainn ag ionnsachadh sa phrògram sa, tha gu leòr eile ann a chlàr i is a bha glaiste ann an tasglann an Smithsonian Institute ann an Washington gu seo.
'S i Rona Lightfoot aon tè a tha ga lorg fhèin is a pàrantan sna clàran; agus tha Cailean MacIllEathain - mac an Dotair MhicIllEathain aig a robh Polly a' dèanamh a clàraidhean - a' bruidhinn air mar a bhiodh a mhàthair, Rena, a' cuimhneachadh air Hitchcock, is i fhèin a' seinn air a son. Cluinnidh sinn cuideachd bho theaghlach Polly Hitchcock fhèin ann an Ameireaga.
Sùil is sealladh air leth air Uibhist a Deas o chionn 70 bliadhna, agus na thàlaidh seinneadair Ameireaganach a thaigh an dotair ann an 1951.
Last on
Broadcasts
- Mon 21 Oct 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Oct 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 27 Oct 202410:00BBC Radio nan Gàidheal