
Bailtean Euro 2024
Sùil air na ciad trì bailtean Gearmailteach san do chluich Alba ann am farpais Euro 2024. A look at life in the three cities Scotland's national team have played in for Euro 2024.
Le na mìltean a' leantainn sgioba ball-coise na h-Alba dhan a' Ghearmailt airson Farpais Euro 2024, bha mòran dhiubh a' faicinn nam bailtean Gearmailteach sa robh na geamannan a' tachairt airson a' chiad uair.
Ach dè seòrsa bailtean a th' ann am Munich, Cologne agus Stuttgart? Dè chanas muinntir nam bailtean agus muinntir na Gearmailt mun deidhinn?
Agus gu dearbha - dè seòrsa sealladh dhiubh a fhuair a' luchd-leantainn a chaidh a-null?
Bha Coinneach Mac a' Ghobhainn a' bruidhinn ri measgachadh de dhaoine anns a' Ghearmailt, a bhuineas don Ghearmailt, neo a tha air a bhith thall a' fuireach anns na bailtean sin, gus sùil a thoirt orra. Eadar cathar-eaglais ainmeil Chologne, na taighean-leann ann am Munich, agus fìon blasta sgìre Stuttgart - 's iomadh rud a b' fhiach fhaicinn anns na ceàrnaidhean sin gun luaidh air a' bhall-coise!
Chaidh am prògram a chraoladh an-toiseach san Ògmhios.
Last on
Broadcasts
- Mon 24 Jun 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Jun 202420:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Jun 202410:00BBC Radio nan Gàidheal
- Boxing Day 202417:00BBC Radio nan Gàidheal