
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Chuala sinn bho Patsi NicChoinnich agus Jessie Boydell Diardaoin mar a tha iomairt taghaidh na Frainge air a bhith cho connspaideach.
Tha ceistean gu leòr dhan togail mu thaghadh Ameireaga, ach a bheil slàinte a' chinn-suidhe Biden nam measg? Le iomraidhean agus bhidiothan air a' chuspair a' cuairteachadh Biden air na meadhanan sòisealta, bha Mìcheil MacAoidh a' mìneachadh dhuinne mar a tha meadhanan Ameireaga a' làimhseachadh na ceist.
Agus buinidh cèiliche na seachdain, Tormod Macleòid, do bhaile Phort Mholair ann an sgìre an Rubha ann an Leòdhas far a bheil e air a bhith a' ruith bhùithtean airson iomadh bliadhna. An toiseach bha e a' falbh le bhan air feadh na sgìre agus e a-nise na stiùiriche air bùth choimhearsnachd an Rubha, far a bheil e ag obair gu saor-thoileach.
Chaidh an t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a dh'Albainn Nuadh o chionn ghoirid air turas inntinneach tro eachdraidh nan Gàidheal sa sgìre, agus e ag ionnsachadh mu sheann bhaile bàn cuideachd. Thàing e a dh'innse dhuinn mu dheidhinn.
Last on
Broadcast
- Sun 23 Jun 202412:00BBC Radio nan Gàidheal