
le Maureen NicLeòid
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Maureen Nicleòid. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Maureen Macleod.
A bheil ceòl dùthchail air fàs fasanta am measg ginealach nas òige? Fhuair sinn beachd bho thriùir a tha den bheachd gu bheil.
'S e an-diugh Là Sabaid na Càisge agus bidh gu leòr de theaghlaichean a' cruinneachadh airson diathad na Càisge. Dh'iarr sinn air dà chòcaire, Seonag Nic a' Ghobhainn agus Ailean MacRisnidh, clàr-bidhe sònraichte a chur ri chèile dhuinn.
A-rèir aithris a thàinig a-mach an t-seachdain a chaidh, tha an àireamh de chloinn nach eil a' dol gu àrd-sgoile gu cunbhalach ann an Alba air a dhol a meud. Tha na h-àireamhan air àrdachadh gu h-àraid sna bliadhnaichean bho ghlasaidhean-sluaigh Covid agus thathar an dùil gur e slàinte-inntinn fear de na prìomh adhbharan air a shon. Fhuair sinn beachd bho cheathrar a th' air a bhith an sàs ann am foghlam thar nam bliadhnaichean air dè an dòigh as fheàrr clann a bhrosnachadh gus a dhol dhan sgoil gu cunbhalach?
B' e Diardaoin Là a' Phiàna, là sònraichte a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le buidheann dè luchd-ciùil a tha dèidheil air a bhith ga chluich. Bhon uair sin tha an là air a chomharrachadh air feadh an t-saoghail le cuirmean sònraichte air àrd-ùrlar, air an eadar-lìon, air radio agus ann am podcast. Bhruidhinn Maureen ri triùir a tha dèidheil air a bhith cluich a' phiàna agus innsidh iad dè am fonn a thaghadh iad fhèin airson a chluich.
Last on
Broadcast
- Sun 31 Mar 202412:00BBC Radio nan Gàidheal