
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Siùsaidh Algie agus Iain MacÌomhair a tha a' toirt sùil air na colbhan-beachd bho phàipearan na deireadh-sheachdain.
Tha Cathy a' comhradh ri Ruairidh MacIlleGhlais mun chuirm a chur e air dòigh far an deach aige air còrr agus seachdad seinneadair a choisinn bonn òir aig a' Mhòd a thoirt còmhla. Cluinnidh sinn cuideachd bho Angela NicFhionghuin a bha a' riochdachadh as leth BBC Radio nan Gàidheal. Thèid Hòro-gheallaidh Ruairidh Gray a chraoladh a-nochd fhathast.
Agus gheibh sinn beachd Iain MhicDiarmid air sreath ùr telebhisean a thòisich a-raoir air BBC1. Tha an dràma This Town stèidhchte ann am Birmingham ann an 1981, agus air a chruthachadh le Steven Knight a tha ainmeil airson Peaky Blinders a thoirt thugainn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 1 Apr 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 1 Apr 202422:25BBC Radio nan Gàidheal