
Hòro-gheallaidh Ruairidh Gray
Bha gleans às na buinn agus na guthan air ghleus aig Cuirm nam Bonn Òir le Ruairidh Gray. Ruairidh Gray presents a historic concert which he organised with Gold Medallists.
Thàinig iad nan deiseachean, nan fhèilidhean ‘s nan dreasaichean - còrr air trì fichead 's a deich dhiubh - 's gleans às na buinn òir a ghlèidh iad aig na Mòdan Nàiseanta Rìoghail thar nam bliadhnaichean. Cha b’ e ruith ach leum nuair a chuir Ruairidh Òg Gray cuireadh gu luchd nam buinn òir a thighinn a thoirt taic dha mar phàirt den cheum aige aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Am measg nan seinneadairean bha luchd-ciùil am pailteas, 's a h-uile duine a bh’ ann air bhioran airson an oidhche a chur air bhog. Bha Eaglais Naomh Aloysius an Ghlaschu loma-làn agus daoine air siubhail bho thall 's a-bhos airson a bhith mar phàirt den chuirm eachdraidheil seo.
Last on
Broadcasts
- Mon 1 Apr 202419:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Apr 202415:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 202421:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 23 Feb 202516:00BBC Radio nan Gàidheal