
le Maureen NicLeòid
Dè an doigh as fheàrr air clann a bhrosachadh gus a dhol dhan sgoil gu cunbhalach? How can children be encouraged to attend school regularly?
A-rèir aithris a thàinig a-mach an t-seachdain a chaidh, tha an àireamh de chloinn nach eil a' dol gu àrd-sgoile gu cunbhalach ann an Alba air a dhol a meud. Tha na h-àireamhan air àrdachadh gu h-àraid sna bliadhnaichean bho ghlasaidhean-sluaigh Covid agus thathar an dùil gur e slàinte-inntinn fear de na prìomh adhbharan air a shon. Gheibh sinn beachd bho cheathrar a tha air a bhith an sàs ann am foghlam thar nam bliadhnaichean air dè an dòigh as fheàrr clann a bhrosnachadh gus a dhol dhan sgoil gu cunbhalach?
'S e an-diugh Là a' Phiàna, là sònraichte a chaidh a stèidheachadh ann an 2015 le buidheann dè luchd-ciùil a tha dèidheil air a bhith ga chluich. Bhon uair sin tha an là air a chomharrachadh air feadh an t-saoghail le cuirmean sònraichte air àrd-ùrlar, air an eadar-lìon, air radio agus ann am podcast. Tha sinn a' bruidhinn ri triùir a tha dèidheil air a bhith cluich a' phiàna agus innsidh iad dè am fonn a thaghadh iad fhèin airson a chluich.
Tha Patsi NicChoinnich air ais leis an t-sreath aice mu leabhraichean-latha agus sinn a' comharrachadh gu bheil 80 bliadhna am-bliadhna bho sgrìobh Anne Frank na briathran mu dheireadh san leabhar-latha aice fhèin. Tha Patsi, gach mìos, a' dèanamh a taghadh fhèin de leabhar a tha stèidhichte air leabhar-latha agus an-diugh tha i a' toirt sùil air Little Grey Partridge: First World War Diary of Ishobel Ross, agus i na còcaire comhla ri Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach ann a Serbia.
Last on
Broadcasts
- Thu 28 Mar 202409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 28 Mar 202422:25BBC Radio nan Gàidheal