Main content
Last on
Sun 11 Feb 202420:00
More episodes
Wegovy

San Dàmhair 2023 chaidh an druga Wegovy a cheadachadh ann an Alba. Tha
Semaglutide ri lorg anns an druga, a tha cuideachd ri lorg san leighis do
thinneas an t-siùcair, Ozempic. Tha Semaglutide a' mùchadh càil-bìdh agus tha
mòran air a bhith ga moladh airson cho èifeachdach 's a tha i airson call
cuideam. Air a dèanamh san Danmhairg, tha iarrtas air sìor èirigh sna beagan
bhliadhnaichean a dh'fhalbh. Tha seo air Novo Nordisk, a' chompanaidh air a
cùlaibh, fhàgail mar a' chompanaidh as luachmhoire san Roinn Eòrpa, agus an
luach aca nas àirde na GDP na Danmhairg. Ach tha rabhaidhean air a bhith ann gu
bheil iarrtas cho mòr a' fàgail iadsan a tha feumach air Semaglutide, leithid
daoine le tinneas an t-siùcair agus iadsan a tha fìor throm, às aonais cothrom
oirre. Air Eòrpa na seachdain sa tha Anndra MacFhionghain ag aithris air
soirbheachas na druga, agus a' faighneachd dè bhios seo a' ciallachadh do
mhuinntir na h-Alba, agus i a-nis ri fhaighinn an seo.
Wegovy

In October 2023 Wegovy was made available on prescription in Scotland.
This drug contains the active ingredient Semaglutide, also found in the
diabetes drug Ozempic. Semaglutide suppresses the appetite and has been hailed
by many as a 'miracle-drug' for weight-loss. Produced in Denmark, demand has
sky-rocketted in recent years and has made its maker, Novo Nordisk, the most
valuable company in Europe, its worth surpassing the whole GDP of Denmark. But
there have been warnings that such high demand is leaving those who really need
Semaglutide, such as diabetics and the morbidly obese, without access. On this
week's Eòrpa Andrew MacKinnon reports on the recent success of the drug, and
asks what it means for people in Scotland, now that it has been made available
here.
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe


