
Taghadh na seachdain còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Bha comhairle Baile Ghlaschu a' cumail choinneamhan an t-seachdain sa airson aontachach dè na leasachaidhean a thèid a dhèanamh air meadhan a' bhaile, gu h-àraid sràidean Earra-Ghàidheal, Bochanan agus Sauchiehall. Fhuair Cathy molaidhean bho thriùir a tha a' fuireach sa bhaile.
A' comharrachadh gu bheil dà fhichead bliadhna bho thòisich Fèis Eadar-nàiseanta Leabhraichean Dhùn Èideann chaidh Cathy NicDòmhnaill agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach gu Ceàrnag Sheàrlot an Dùn Èideann far an robh toiseach tòiseachaidh na fèise.
Buinidh cèiliche na seachdain sa, Brian Ò hUiginn, do sgìre Ráth Garbh de Bhaile Àtha Cliath. Tha e na Òraidiche ann am Poilitigs agus Ceòl agus aithnichte airson a bhith a’ cluich na pìob uilinn.
Agus tha ceud bliadhna bho nochd bràiste gu math ainmeil air càraichean – càraichean air a bheil miann mòr aig daoine chun a' là an-diugh. Dh' innis Aonghas MacCumhais agus Coinneach MacMhathain dhuinn dè a tha cho tarraingeach mun MG.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 20 Aug 202312:00BBC Radio nan Gàidheal