
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè na leabhraichean as fheàrr a chòrd ribh, sgrìobhte le luchd-poilitgs neo mun deidhinn? Readers select the best political memoirs and biographies they've read.
Chuala sinn an t-seachdain a chaidh gu bheil Nicola Sturgeon a' sgrìobhadh leabhar mu a beatha. Dè na leabhraichean, sgrìobhte le luchd-poilitigs neo mun deidhinn, as fheàrr a chòrd ribh a-riamh?
Tha Angela NicEachainn air a bhith aig tachartas air a bheil Getting To Grips With Migraines, aig fèis an iomaill an Dùn Èideann. Tha i ag innse do Chathy mu dheidhinn.
Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach air chuairt timcheall a' bhaile còmhla ri Cathy, a' faighinn blas air cò ris a tha e coltach a bhith ann an Dùn Èideann aig an àm seo.
'S e film a chaidh a chlàradh ann a Leòdhas a bhios a' cur Fèis Fhilmichean Dhùn Èideann air chois a-màireach. Tha Silent Roar air a sgrìobhadh 's air a stiùireadh le Johnny Barrington agus stèidhichte air sgeulachd balach òg a tha dèigheil air surfadh 's a tha a' feuchainn ri dèiligeadh ri bàs athar. Tha Iain X MacÌomhair air ro-shealladh fhaighinn air a' film agus tha e a' toirt seachad a bheachd fhèin air.
Last on
Broadcasts
- Thu 17 Aug 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 17 Aug 202322:25BBC Radio nan Gàidheal