
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh de dh'àitichean airson laithean-saora le eòlaichean siubhail. Seasoned travellers pick their favourite holiday destinations.
Tha na dìtheanan pailt sa ghàrradh an-dràsta, ach de an dòigh as fheàrr air an toirt a-steach agus an cumail gus am mair iad beagan làthaichean eile dhuinn.
Tha cosgaisean bith-beò a' ciallachadh gu bheil barrachd dhaoine a' taghadh fuireach ann am Breatainn air na làthaichean-saora aca ann an 2023; ach nam bitheadh roghainn agus sporan fallain aig daoine, càite an taghadh iad a dhol? Tha triùir còmhla ri Cathy a tha, eatorra, air a dhol is dòcha mu chuairt na cruinne air fad - neo co-dhiù air iomadh ceàrnaidh dheth fhaicinn. Càite an deigheadh iadsan nam biodh an cothrom aca?
Thèid Duais Leabhair na Gàidhealtachd a bhuileachadh a-nochd fhathast. Tha £2000 a’ feitheamh air aon de na ceithir ùghdaran a th’ air a' gheàrr-liosta. Tha sinn air a bhith toirt sùil air gach leabhar ma seach, sna làithean a chaidh seachad. An-diugh, Confessions of a Highland Art Dealer – leabhar neo-fhicsean, air a sgrìobhadh le Tony Davidson mu bheatha fhèin. Tha Dòmhnall Ruadh Mac a' Ghobhainn air a bhith ga leughadh, agus tha e a' toirt dhuinn a bheachd air.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 6 Jun 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 6 Jun 202322:25BBC Radio nan Gàidheal