
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air colbhan-beachd nam pàipearan-naidheachd bhon deireadh sheachdain. A review of the weekend columns.
'S iad Pàdraig MacAoidh agus Suzie NicDhonnchaidh a tha a' toirt sùil air colbhan bho phàipearan na deireadh sheachdain.
Nì Cathy Fhriseil lèirmheas air Gods of Tennis, sreath de thrì prògraman a tha a' rannsachadh a' bhuaidh a thug ginealach de chluicheadairean air saoghal teanas. Anns a' chiad phrògram thathar ag innse mar a bha cùisean ann a 1975 le Billie Jean King agus Arthur Ashe, chan ann a-mhain a strì airson a' phrìomh dhuais a bhuanachadh aig Wimbledon ach cuideachd beachdan an t-saoghail atharrachadh .
Thèid Duais Leabhair na Gàidhealtachd a bhuileachadh air sgrìobhaiche an-ath-oidhch'. Eadar seo 's sin, bheir sinn sùil air na ceithir leabhraichean a th' air a' gheàrr-liosta. An-diugh, tha Eilidh Lewsey a' toirt beachd air WAH! Things I Never Told My Mother le Cynthia Rogerson.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 5 Jun 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Jun 202322:25BBC Radio nan Gàidheal