
Còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh
Seirbheis Didòmhnaich na Càisge còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Rev Suzie Roberts conducts this year's Easter Sunday Service.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a' seinn Moladh Dia
An t-Aiseirigh air a sheinn le Alasdair Codona
Iseabail Mhàrtainn a' seinn Glòir don Uan
An còmhlan Cliar le taic bho na Còisirean a' seinn Salm 108
Leughaidhean:
Mata 27: 62-66
Mata 28: 1-20
Lùcas 1: 26-38
Mata 2: 1-16
Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Ard-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.
Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh faisg air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.
Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. An-uiridh ghluais Siùsaidh, Mìcheal agus màthair Siùsaidh a dh'Alba.
Last on
Broadcasts
- Sun 9 Apr 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Apr 202315:00BBC Radio nan Gàidheal