
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
'S e Gary MacFhearghais a tha air chèilidh air Cathy. Cathy chats to guest, Gary Ferguson about climbing volcanoes and his latest feat in being named Grandparent of the Year!
Tha an Tiomnadh Nuadh ri fhaighinn às ùr mar leabhar-èisteachd air-lòidhne sa Ghàidhlig. Cluinnidh sinn carson a chaidh am pròiseact sa a chuir air chois, dè seòrsa cruth a th' air agus ciamar a gheibhear thuige.
Rugadh Gary MacFhearghais ann an Glaschu 's thogadh e sa Leargaidh Ghallda. An dèidh òige a chur seachad an ceann a chosnaidh air bàtaichean iasgaich agus sa Chabhlach Mharsanta, thill e gu foghlam 's thòisich e ag ionnsachadh na Gàidhlig. Taobh a-muigh na h-obrach, 's toigh leis a bhith a' dìreadh bholcànothan! Tha sin air a thoirt gu Meagsago, Cambodia, Borneo agus iomadh dùthaich eile, a' togail airgid do charthannas. Choisinn e duais shònraichte an-uiridh cuideachd - Grandparent of the Year! Tha Cathy ann an còmhradh ris airson an tuilleadh fhaighinn a-mach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 15 Mar 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 15 Mar 202322:25BBC Radio nan Gàidheal