
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Dè na nithean as motha a tha a' toirt buaidh air coimhearsnachdan a thaobh fearainn? Land ownership in history and current issues facing rural communities.
An-diugh, tha sinn a' toirt sùil air cuspair a tha cho tric fon phrosbaig an Alba - fearann. Ciamar a tha cùisean air atharrachadh thar nam bliadhnaichean agus dè na ceistean as motha a tha ag èirigh aig an àm seo?
Tha sinn a' cluinntinn bhon Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mun cheangal a bh' aig ar sinnsearan ris an fhearann, a' dol cho fad air ais ri na meadhan-aoisean gu ruige Àm nam Fuadaichean.
Tha an Dr Aonghas MacChoinnich a' mìneachadh an sgaradh a bh’ ann eadar A' Ghàidhealtachd agus A' Ghalldachd, 's an robh diofar chòirichean aig na daoin' uasal agus muinntir na sgìrean.
Agus tha ceathrar bho dhiofar cheàrnaidhean de dh' Alba ann an còmhradh mu na cuspairean as motha a tha a' toirt buaidh orrasan an-diugh - crìonadh sluaigh, sluagh ùr a tighinn a-steach, ath-fhiadhachadh is obair glèidhteachais.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 8 Feb 202309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Feb 202322:25BBC Radio nan Gàidheal