
Alasdair Macleod assesses the level of support for children with dylsexia in Gaelic-medium education.
An t-seachdain-sa air Eòrpa tha Alasdair Macleòid a’ rannsachadh na goireasan agus an taic a th’ann airson clann le dyslexia a tha dol tro fhoghlum tro mheadhan na Gàidhlig. Tha pàrantan a’ ràdh gu bheil feum air tuilleadh stuthan sa chànan, cuide ri barrachd luchd-taic, gus clann le feumalachdan a’ bharrachd a chuideachadh.
Tha Anndra MacFhionghain anns a’ Phortagail a’ rannsachadh an dìleab a dh’fhàg tràilleachd eachdraidheil san dùthaich. Tha luchd-iomairt ag iarraidh gun tèid ceumannan a ghabhail gus an eachdraidh seo a’ chomharrachadh, agus a’ faicinn gu bheil dìleab thràilleachd a’ biathadh a-steach do ghràin-cinnidh san dùthaich chun an latha an-diugh.
Alasdair Macleod assesses the level of support for children with dylsexia in Gaelic-medium education. Parents claim that more classroom support and materials are needed for pupils with additional needs.
Andrew Mackinnon reports on the growing campaign in Portugal to officially recognise the country’s role in the historical slave trade. Activists claim that the legacy of slavery feeds into modern-day racism and that more must be done to acknowledge this aspect of the country’s past.
Last on
Dyslexia

Dyslexia

Tràilleachd

Bha Portagail aig stiùir thràilleachd à Afraga, a' tòiseachadh san 15mh linn. B' i a' chiad dùthaich Eòrpach a dh'aiseag tràillean tarsainn a' chuain gu ruige Brasil, a bha mar phàirt den cholonachd aca aig an àm. Chùm seo a' dol airson na ceudan de bhliadhnachan, le Portagail, aig a' cheann thall, an urra ri sia millean neach à Afraga a ghiùlain a dh'Ameireagaidh.
Tha Anndra MacFhionghain ann an Lisbon a' rannsachadh an dìleab a dh'fhàg tràilleachd san dùthaich. Bidh e cuideachd a' coimhead ri mar a tha daoine ag iarraidh gun tèid ceumannan a ghabhail gus an eachdraidh sa a chomharrachadh, agus mu mar a tha cuid a' faicinn gu bheil dìleab thràilleachd a' biathadh a-steach do ghràin-cinnidh san dùthaich chun an latha an-diugh.
Slave trade

Portugal was at the fore of the African slave-trade, beginning in the 15th century. They were the first European country to send slaves across the ocean to Brazil, one of their colonies at the time. This practice continued for hundreds of years, with Portugal responsible for transporting nearly 6 million slaves to the Americas.
Andrew MacKinnon is in Lisbon reporting on the legacy of slavery in the country and what people there think should be done to acknowledge Portugal's role. Some people see that the legacy of slavery directly feeds into problems of racism today.
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe

