
In North Wales there are fears that some communities are dying due to rising house prices and second homes. Michael Macneil asks if reforms of local taxation and business rates will resolve the issue.
Ann an ceann a tuath na Cuimrigh tha draghan ann gu bheil cuid de choimhearsnachdan an ìmpis bàsachadh ri lìnn prìsean àrd thaighean agus an àireamh mhòr de dhàrna dachaighean. Tha Mìcheal MacNèill a’ faighneachd an deàn planaichean riaghaltas na Cuimrigh airson cìsean ùra feum gus an t-suidheachadh a leasachadh.
Tha Anndra MacFhionghain anns a’ Phortagail ag aithris air an staing ann an seirbheis slàinte na dùthcha. Tha ìrean pàighidh ìosal a’ toirt air luchd-obrach an t-seirbheis fhàgail airson a dhol dhan roinn phrìobhaidich agus thug sgainnealan ann an seirbhisean cùram màthaireil air Ministear Slàinte na dùthcha a dreuchd a leigeil dhith.
In North Wales there are fears that some communities are dying due to rising house prices and the large number of second homes. Michael Macneil asks if the Welsh Government’s proposed reforms of local taxation and business rates will do enough to resolve the issue.
Andrew Mackinnon is in Portugal reporting on the crisis in the health service. Claims of low pay have led to many nurses and doctors leaving the service for the private sector and a series of scandals in maternity services has forced the country’s Health Minister to resign.
In Gaelic with English subtitles
Last on
Dàrna dachaighean agus am buaidh air a' Chuimris

Air Rubha Llyn tha 46% de thaighean ann am baile beag Abersoch nan dàrna dachaighean (grunn dhiubh nan taighean air mhàl a dh'aona-ghnothaich air adhbharan coimeirsealta) agus feadhainn eile nam flataichean spaideil le cuid dhuibh gan reic airson còrr air millean not. 'S e baile eireachdail a th' ann an Abersoch le seallaidhean àlainn an cois na mara agus ri taobh na tràghad - chan eil e doirbh fhaicinn dè tha tàladh na mìltean ann gach bliadhna. Ach, 's e rud eile a th' ann a bhith a' toirt orra fuireach làn-thìde sa choimhearsnachd far a bheil meall dhiubh a' ceannach dàrna dachaigh neo dachaighean samhraidh. Is e prìs nan taighean a tha a' cur bacadh air feadhainn a tha a' fuireach san àite làn-ùine bho bhith a' ceannach thaighean dhaibh pèin agus tha an t-iarrtas airson taighean a' cur phrìsean an-àirde.
Dhùin Bun-sgoil Abersoch an-uiridh ri linn an àireamh ìosal de chloinn. Air balaichean-fiodha na sgoile chithear làraich meòir na cloinne mu dheireadh a chaidh oideachadh innte, samhla air coimhearsnachd a bha uaireigin làidir 's tha a-nise air crìonadh 's a tha a' dol à bith.
Tha Comann a' Chànain sa Chuimrigh draghail gu bheil a bhith a' dùnadh na sgoile na bhuille-bàis dhan choimhearsnachd agus na chall dhan Chuimris san sgìre. Tha iadsan ag iarraidh air Riaghaltas na Cuimrigh agus a' chomhairle ionadail ceumannan a bharrachd a ghabhail gus coimhearsnachdan mar seo a dhìon bhon t-sruth de dhàrna dachaighean 's dachaighean samhraidh.
Anns na mìosan mu dheireadh tha Riaghaltas na Cuimrigh air grunn phoileasaidhean fhoillseachadh tro reachdas ann an siostam nan cìsean, am measg eile, ann an oidhirp smachd fhaighinn air suidheachadh nan dàrna dachaighean. Tha plana radaigeach agus dàna an riaghaltais a' ciallachadh gum faodadh, am measg eile, a' chìs chomhairle àrdachadh gu 300% do dhàrna dachaighean agus gum feumadh daoine a bhith annta airson co-dhiù dàrna leth dhen bhliadhna gus nach urrainn dhan fheadhainn leis a bheil iad a radh, tro uireasbhaidh san lagh, gur e gnìomhachas beag a th' aca agus nach fheum iad a' chis chomhairle neo cìs sam bith a phàigheadh air an dàrna dachaigh aca tro shiostam nan reataichean-gnòthachais.
Second homes and the Welsh language

On the Llyn Peninsula a reported 46% of the housing stock in the seaside village of Abersoch is second homes (including commercial holiday lets) and luxury flats there have been selling for over £1 million, pricing locals out of the market and forcing up prices. Abersoch with its beachside location is continually listed as an area of prime Welsh real estate due to the lack of houses on the market in the area and the stunning sea views that come with many of the properties.
The local primary school recently closed due to a declining roll and on its exterior walls there can still be seen the haunting handprints of the last children to spend their formative years at Abersoch School.
The Welsh Language Society fear that the school's closure could herald the death-knell for the community and they lament the loss of the Welsh language in the area. They are calling on the local council and the Welsh Government to take further steps to stem the tide of second homes and holiday lets across Wales.
Recently the Welsh Government announced a raft of changes to property law, taxation and the planning system to help regulate this area. The radical but controversial steps being taken by the Welsh Government include allowing councils to levy a 300% increase in council tax on second homes as well as changing occupancy rules for such properties that stop owners using the non-domestic rates laws to avoid any tax. The Senedd have also made changes to the Land Transaction Tax, Wales' version of stamp-duty to help communities that are struggling with holiday homes and second lets.
Seirbheis Slàinte Nàiseanta Phortagail

Tha seirbheisean màthaireil cuideachd air a bhith fon phrosbaig am-bliadhna, ri linn grunn sgainnealan a thug air Ministear Slàinte na dùthcha a dreuchd fhàgail as t-samhradh.
An t-seachdain sa air Eòrpa, tha Anndra MacFhionghain ann an Lisbon a' bruidhinn riuthasan air a bheil seo a' toirt buaidh agus ri daoine a tha airson atharrachadh fhaicinn, gus am bi seirbheis slàinte aig àrd ìre ri fhaighinn dhan h-uile duine.
Portuguese National Health Service

Maternal health-care has also been a focus of attention this year, due to a series of crises which contriubted to the resignation of the country's Health Minister in the summer.
This week on Eòrpa, Andrew MacKinnon is in Lisbon speaking to those directly affected by this crisis in health care and to those who want to see a change in the system, so that a quality public service is available to all.
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe

