
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Mìneachadh air dè a tha san 'glass cliff'. The 'glass cliff' explained.
Tha Iain Urchardan a' deànamh luaidh air fear de luchd-ealain ainmeil na h-Eileanan an Iar, Willie Fulton, a chaochail aig deireadh na seachdain.
Bheir Pàdraig MacAmhlaigh dhuinn eachdraidh-beatha Seannsalair an Ionmhais, Iain Macleòid, a chaochail gu h-obann ann an 1970 's gun e air a bhith san dreuchd ach deich là fichead.
Tha Cathy a' faighinn mìneachadh air an 'glass cliff'; nuair a tha boireannaich a' faighinn àrdachadh dreuchd aig amannan èiginneach le staing ionmhais agus seacadh eaconamach agus an teansa as motha ann gu fàillig iad.
Innsidh Màrtainn Mac an t-Saoir dhuinn mun dreuchd ùr aige mar Sgrìobhaiche Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann; a' chiad uair a bha leithid de dhreuchd aca.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 19 Oct 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 19 Oct 202223:25BBC Radio nan Gàidheal