
Dolina NicIllInnein
An taghadh bàrdachd aig Dolina NicIllInnein à Marabhaig a Leòdhas. Dolina Maclennan chooses some of her favourite poems.
Tha a' bhana-chleasaiche Dolina NicIllInnein a' togail air cuid den bhàrdachd as fheàrr leatha agus cha chuir e iongnadh oirbh gur ann à Leòdhas, dham buin i, a tha a' mhòr-chuid dheth.
Cluinnidh sinn i ag aithris Tillidh le Uilleam Nèill à Preastabhaig, Eilean mo Ghaoil le Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Chràisgein, Bàrd Bharabhais; Eilean an Fhraoich le Murchadh Macleòid, Murchadh a' Cheisteir à Liùrbost; An Ataireachd Àrd le Dòmhnall MacÌomhair à Ìslibhig, Ùig; Cead Deireannach nam Beann le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir à Gleann Urchaidh; Eilean Fraoich le Uilleam MacCoinnich, Bàrd Chnoc Chùsbaig, Siadar an Rubha; Och nan Och le Màiri NicÌomhair à Bhaltos, Ùig agus A' Chuthag le Iain MacLachlainn, An Dotair Ruadh à Rathuaidh sa Mhorbhairne.
Last on
Broadcasts
- Fri 15 Apr 202217:15BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Apr 202317:15BBC Radio nan Gàidheal