Main content
Last on
Sun 6 Mar 202220:00
Gotland

Stèidhich an t-Suain
ionad-airm air Eilean Ghotland sa Mhuir Bhaltaiceach ann an 1811 às dèidh dhan
Ruis ionnsaigh a thoirt air. Dhùin iad e ann an 2005 dar a bhathar an dùil ri
sìth mhaireannach san Roinn Eòrpa. Ach às dèidh dhan Ruis a dhol a-steach a
Chrimea stèidhich iad rèisimeid às ùr ann an Gotland agus chaidh a neartachadh
bho chionn ghoirid. Chan eil an t-Suain mar phàirt de NATO, ach tha aonta co-obrachaidh aca
leis a' bhuidheann. Leis gu bheil Gotland suidhichte faisg air na dùthchannan
Baltaiceach tha beachd ann gum biodh e cudromach gus an sgìre sin a dhìon nan
toireadh an Ruis ionnsaigh oirre. Tha cuid a' meas Gotland mar "shoitheach-phlèanaichean nach gabh a chur
fodha".
Gotland

Sweden established an
army base on the Baltic Sea island of Gotland in 1811 after a Russian invasion.
It was closed in 2005 when many thought there would be lasting peace in Europe.
But when Russia took over Crimea they re-established a regiment on Gotland and
reinforced it recently. Sweden is not a part of NATO, but has a cooperation
agreement with the alliance. Because Gotland is situated near the Baltic
countries some say it could be important in the defence of that area in the
face of a Russian attack. Gotland has been called an "unsinkable aircraft
carrier".
Podcast
![]()
Eòrpa
Gaelic current affairs reporting on political, social and cultural issues across Europe


