
02/03/22
Sgeulachd Eilean Ghruinneart agus an Anthrax. The story of Gruinard and Anthrax.
Cluinnear beachd Anna Ghunna air prògram telebhisean na h-oidhche raoir - The Mystery of Anthrax Island. Chì Anna Eilean Ghruinneairt bhon taigh aice, agus tha deagh chuid do dh'eachdraidh Ghruinneart agus mar a thug an Anthrax buaidh air aice.
Tha an gàirnealair Pàdraig MacCuithein ag innse do Choinneach mar a thèid aige air balgan-buachrach agus piobairean fhàs.
Tha truailleachd carbon dubh anns an Antartaig ag adhbharrachadh barrachd leaghaidh dhan t-sneachda air a‘ mhòr-thìr. Tha an sgeulachd aig an t-eòlaiche àrainneachd Eoghainn MacCoinnich.
Tha Boireannaich ann an Eachdraidh gan còmharrachadh fad na mìos. Innsidh Màiri Sine Chaimbeul dhuinn sgeulachd Mary Seacole a bha na banaltram aig àm Cogadh a' Chrimea.
Agus tha Aonghas Pàdraig Caimbeul a' toirt sùil air ais air na naidheachdan a nochd anns a Phress and Journal air an t-seachdain seo ann a 1952.
Last on
Broadcasts
- Wed 2 Mar 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Mar 202221:00BBC Radio nan Gàidheal