
26/01/2022
Dè an tarraing a th' ann a Dubai do luchd-turais? What draws us to Dubai as a tourist destination?
Tha an RSPB air a bhith a' cleachdadh chruidh ann an oidhirp leasachadh a thoirt air an àrainneachd ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruadh. Tha Raibeart Dòmhnallach agus Ryan Dziadowiec còmhla ri Coinneach airson beachdachadh air mar a dh' obraicheas a' phròiseact sa agus a' bhuannachd a bhios ann do na h-eòin leithid an capall-coille.
Chan eil luchd-rannsachaidh fhathast air faighinn gu bonn tinneas air a bheil Havana Syndrome. Nochd an tinneas an toiseach ann an 2016 ann an oifigich Aimeireaganach ann an Cuba agus an uairsin ann an oifigich-riaghaltas bho air feadh an t-saoghail. Tha an sgeulachd aig Derek MacAoidh.
Tha a' chompanaidh-siubhail Tripadvisor ag ràdh gur e Dubai an t-àite as fheàrr le luchd-turais, a-rèir an rannsachadh aca. Dè an tarraing a th' ann a Dubai?
Agus tha Iain MacAmhlaigh ag innse mun sgeulachd inntinneach a th' air cùlaibh an film ùr My Old School a bhios ri fhaicinn aig Fèis Sundance an t-seachdain sa.
Last on
Broadcasts
- Wed 26 Jan 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Jan 202221:00BBC Radio nan Gàidheal