
Màiri Mhòr nan Òran: Dealbh-chluich
Dealbh-chluich air beatha Màiri Mhòr nan Òran air a sgrìobhadh le Catrìona NicGumaraid. A play on the life and songs of the poet Mary MacPherson, Màiri Mhòr nan Òran from Skye.
Tha sinn air a bhith a' comharrachadh 200 bliadhna bho rugadh a' bhana-bhàird Màiri Mhòr nan Òran air a' bhliadhna seo. B' ann a Sgeabost san Eilean Sgitheanach a rugadh i agus b' ann san eilean a chuir i seachad làithean a h-òige. Ghluais i a dh'Inbhir Nis agus phòs i greusaiche, Ìosac Mac a' Phearsain, san t-Samhain 1847 agus bha seachdnar chloinne aca. Chaochail Ìosac ann an 1871 agus thàinig air Màiri a dhol a dh'obair mar shearbhanta.
Ann an 1872, chaidh cuir às a leth gun do ghoid i aodach bhon tè aig an robh i ag obair fhad 's a bha seirbheis an tòrraidh aice a' dol air adhart. Chaidh a' chùis a dhearbhadh na h-aghaidh agus fhuair i binn dà fhichead latha sa phrìosan. B' ann an dèidh seo a thòisich i ri bàrdachd, oir mar a dh'innis i fhèin, "S e na dh'fhuiling mi de thàmailt a thug mo bhàrdachd beò."
A seo ann an dealbh-chluich a chaidh a sgrìobhadh le Catrìona NicGumaraid, a chaidh a chlàradh ann an 1981, tha sinn a' faighinn dealbh air mar a chaidh dhi sa chùirt agus mar a dh'fhàg sin i cho 'sgìth de luchd na Beùrla'. Cluinnidh sinn cuideachd feadhainn de na h-òrain aice air a sheinn.
A' cluiche Màiri Mhòr nan Òran tha Ceana Chaimbeul. Tha Ailean Dùbhghlas bho phaipear-naidheachd an Inbhir Nis air a chluiche le Calum Ros. Tha luchd na cùirte air an cluiche le Donaidh Mac a' Ghobhainn, Murchadh Macleòid 's Eàirdsidh Friseal agus tha Seònaid Fhriseal, a thug seachad fianais an aghaidh Màiri, air a cluiche le Dolina NicIllFhinnein.
Last on
Music Played
![]()
Westlife
Starlight
Broadcast
- Wed 29 Dec 202112:00BBC Radio nan Gàidheal
