
Cuairt Chaxy Dhachaigh
Nach tig sibh còmhla ri Caxy agus e a' dèanamh a shlighe dhachaigh mu dheireadh thall! An interesting and entertaining journey as Caxy finally travels home by land, sea and song!
Tràth sa mhadainn agus baile mòr Ghlaschu a’ dùsgadh beag air bheag air madainn Dihaoine anns an Iuchar 2021. Air taobh siar a' bhaile bha Calum MacAmhlaigh agus a bhean Claire air car a chur as a' leabaidh agus là mòr dha-rìribh air thoiseach orra. Mu dheireadh thall, às dèidh bliadhna de ghlasadh-sluaigh, bha iad a’ faighinn ma sgaoil. Bha iad a’ cur an cul ris a' bhaile mhòr agus an aghaidh air na h-eileanan - beanntan an Eilean Sgitheanaich agus machraichean Uibhist- agus a' dol a dh’fhaicinn am pàrantan is luchd-eòlais.
Chlàr Calum an turas phrìseil a bha seo agus tha cothrom agaibh siubhail còmhla ris fhèin agus Claire.
Last on
Broadcasts
- Wed 29 Dec 202122:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 2 Jan 202213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 May 202215:30BBC Radio nan Gàidheal