
Rubha an Dùnain agus Gleann Conan
Seumas Dòmhnallach a' rannsachadh dàimh dhaoine ri seann bhailtean an Eilein Sgitheanaich. James MacDonald explores families' ties to deserted villages on the Isle of Skye.
Tha Seumas Dòmhnallach a’ tòiseachadh a' phrògraim mu dheireadh san t-sreath seo ann an àite eile air nach bi mòran a’ tadhal, Rubha an Dùnain ann am Minginis. B’ i dachaigh eachdraidheil Chlann ‘ic Asgaill a bha seo gus an do dh’ fhàg iad anns an 19mh linn. A’ coiseachd còmhla ri Seumas tha Cailean MacGillEathain aig a bheil dlùth cheangal ris an àite agus do Chlann ‘ic Asgaill air taobh a mhàthar. Tha Cailean a’ sealltainn do Sheumas na tha ri fhaicinn agus a’ mìneachadh dha an ceangal a tha esan a’ faireachdainn ris an àite san là a th' ann. Tha Seumas an uair sin a’ fàgail taobh siar an Eilein agus a’ dèanamh a shlighe air ais mu thuath gu ruige Thròndarnais a' bhruidhinn ri Seumas Caimbeul ann am Baile nan Cnoc ann an Gleann Conan. Seo àite a tha fìor ainmeil am measg luchd-turais san là a th’ ann mar am ‘Fairy Glen’. Tha atharrachaidhean mòra air tighinn air an àite seo agus tha Seumas ag innse mun cheangal a th’ aige fhèin ris an sgìre.
Last on
Broadcasts
- Tue 11 Jan 202212:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Jan 202222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Jan 202210:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 3 Jan 202308:30BBC Radio nan Gàidheal
